İzmir

Suidheachadh
Dùthaich An Tuirc
Ceàrn İzmir Büyükşehir Belediyesi
Sgìre İzmir İli
Co-chomharran 30° 42 00' Tuath
27° 14 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7,340 km²
Àireamh-shluaigh 2,847,691 (2017)
Dlùths 387.97/km²
Àireamh fòn + 0232
Duilleag oifigeil https://www.izmir.bel.tr

'S e baile mòr, port agus sgìreachd bhaile (Turcais: büyükşehir belediyesi) air an àirde an iar Poblachd na Tuirce a th' ann an İzmir (IPA: izmiɾ, Greugais: Σμύρνη). Tha İzmir suidhichte faisg air Urla, air costa na Mara Àigeanaiche, eadar Antalya agus Manisa san roinn (Turcais: ili) İzmir, ri taobh Camas İzmir (Turcais: İzmir Körfezi), aig 2m os cionn ìre na mara. Tha 2,847,691 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an treas baile as motha na dùthcha a th' ann agus an dara bhaile na Mara Àigeanaiche cuideachd, an dèidh na h-Àithne cuideachd.

Eachdraidh

deasaich

Tha a h-uile coltas ann gun tàinig an t-ainm à Ti-smurna ann an seann assyrianais ach chan eil fios aig daoine sam bith na tha sin a' ciallachadh.[2] 'S ann pailt 's a tha fianais nan seann chultair a bh'anns an sgìre: cha tobhtaichean ann bho corr is 6,000 bliadhna ro Ìosa Crìosd. Thuit İzmir do dhImpireachd nan Otomanach ann an 1317.[3] Rinn teine droch sgrios air a' bhaile ann an 1772 agus chaidh e mhilleadh a-rithist ann an Crith-thalmhainn ann an 1778.[4] Chaochail 45,000 duine leis eadar 1812 agus 1816. Chèilidh Gustave Flaubert air a' bhaile ann an 1860 agus thuirt e "qu'il n'en avait jamais vu de si belle".[5] Eadar 1919 agus 1922 bha İzmir fo bhuaidh feachdan na h-Eadailt ach chaidh a thoirt a-steach do Phoblachd na Tuirce an dèidh Cogadh An Tuirc-An Eadailt. Chuireadh na Greugaich a-mach às a' bhaile agus an dùthaich.

Daoine Ainmeil

deasaich

Bailtean Co-cheagailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Cunntas-sluaigh na Stàite
  2. Ekrem Akurgal (1983). Old Smyrna's 1st Settlement Layer and the Artemis Sanctuary. Turkish Historical Society.
  3. Deniz Haber[dead link]
  4. Nicholas Ambraseys, Earthquakes in the Mediterranean and the Middle East, CUP
  5. The Letters of Gustave Flaubert, 1830-1857, Harvard University Press, 1980
  6. Historias y Biografias

Ceanglaichean A-mach

deasaich
  NODES
Idea 4
idea 4
iOS 4
languages 1
mac 3
os 10