'S i a' Ghealach (samhla: ☾; Laideann: Luna) an aon saideal nàdarrach aig an t-Saoghal. 'S ise a' chòigeamh ghealach as motha anns a' Chrios-ghrèine. Tha an t-astar cuibheasach eadar meadhan an t-Saoghail agus meadhan na Gealaich 384,403 cileameatairean (238,857 mìltean), mu 30 uiread trast-thomhas an t-Saoghail. Tha trast-thomhas na Gealaich 3,474 cileameatairean (2,159 mìltean) - beagan a bharrachd air cairteal fhir an t-Saoghail. Tha sin a' dèanamh gu bheil tomhas-lìonaidh na Gealaich faisg air 1/50mh fhir an t-Saoghail. Tha iom-tharraing aig a h-uachdair mu 1/6mh iom-tharraing an t-Saoghail. Tha a' Ghealach a' cuartachadh An Saoghal gu lèir turas ann an 27.3 làithean, agus 's iad na h-atharrachaidhean cuartach ann an cruinneadaireachd siostam an t-Saoghail, na Gealaich 's na Grèine a tha an urra ri na ceumannan-Gealaich a bhios ag ath-thachairt sna h-uile 29.5 làithean.

'S iad iom-tharraing agus na forsaichean meadhan-aomachdail, air an gineadh le cuartachadh na Gealaich 's an t-Saoghail mun timcheall na h-aon aisil, am barycentre, a tha an ìre mhath an urra ri tìde-mhara an t-Saoghail. 'S i a' chumhachd, a tha ga caitheamh ann a bhith a' gineadh an tìde-mhara, a tha gu dìreach an urra ris an lùghdachadh ann an cumhachd chomasach aig reul-chuairt na Gealaich 's an t-Saoghail mun timcheall air a' bharycentre, a tha ag adhbharachadh meudachadh bliadhnail 3.8cm a dh'astar eatorra. Leanaidh A' Ghealach oirre a' gluasad gu socrach air falbh bhon t-Saoghail gus nach bi buil na tìde-mhara eatorra cudthromach tuilleadh. An uairsin, socraichidh reul-chuairt na Gealaich.

Solais na gealaich mar a chithear i o thaobh tuath na cruinne. Air taobh deas na cruinne, chithear gach solas dhith mar gum biodh i air a cuairteachadh le 180°. Chan eil an dealbh a-rèir sgèile.
  NODES
Idea 7
idea 7
iOS 9
languages 1
mac 2
os 12