A Coruña (provincia)
A Coruña
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Corùna | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 7,950 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,147,124 (2014) | ||||
Dlùths | 144.29/km² | ||||
Àireamh fòn | + (981) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an A Coruña (IPA: a koˈɾuɲa, Gàidhlig: Corùna, Spàinntis: La Coruña). Tha e na laighe anns A' Ghàilis, air an àirde an iar-thuath na dùthcha. 'S e Corùna a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh na Gàilise i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh A Coruña fad 7,950km²[3] agus tha 1,147,124 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 32mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an deicheamh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Lugo agus Pontevedra.[5] 'S e Gailisis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
deasaichTha e coltach gur ann à Coloniam ann an Laideann a tha an t-ainm - tha lucas a' ciallachadh colonaidh no acrunia a tha a' ciallachdh leth-eilean.[6] Tha tèoiridh eile ann a chanas gur e ainm ceilteach a th' ann, bho Cronos (Gàidhlig: Cruinne) no car (Gàidhlig: Clach) A dh'aindeoin sin, tha cuid ag ràdh gur ann à Cluniam ann an Ceiltis-ibearais a tha e.[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.