'S e baile ann an Coloimbia[1] agus prìomh-bhaile na roinn Arauca a th' ann Arauca, neo La Villa de Santa Barbara de Arauca (Baile Naoimh Bharbail dhe Arauca). Tha e suidhichte 746km air falbh bho Bhogotá.[2] dìreach air na crìochan leis A' Bheiniseala. Bha àireamh-sluaigh dhe 75,557 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh[3] gan sgaoileadh air 23,818km.[4] 'S e Arauca an 64mh baile as motha na dùthcha.[5] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1780.

Arauca (baile)
municipality of Colombia, city in Colombia, border city
Cur air cois4 dhen Dùbhlachd 1780 Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Prìomh-bhaile deArauca Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailArauca Deasaich
Faisg air an uisgeArauca River Deasaich
Domhan-leud is -fhad7°5′25″N 70°45′42″W Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.arauca-arauca.gov.co/index.shtml Deasaich
Map

Freumhan an Ainm

deasaich

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e stèidheachadh air an latha Naomh Barbail.[6] 'S ann às na Arauca, tuath Tùsanach a bha nan tàmh anns an sgìre seo o shin,a thàinig ainm a' bhaile agus na roinne.[7] 'S e Arawak a bh'ann na Arauca.

Eachdraidh

deasaich

Ann an 1816 chleachd Simón Bolívar an t-àite far a bheil am baile an latha an-diugh airson saighdearan a fhastadh is an dùthaich a riaghladh, leis gu robh e air an t-slighe eadar A' Bheiniseala agus Colombia.' S e clachan beag dhe Tùsanaich Arawak a bh'ann Arauca fhathast ann an 1870 nuair a ràinig an sagart Caitligeach Juan Isidro Daboín, a bha na bhall a' Chomainn Iosaid. Stèidhich esan eaglais bheag.

Ann an 1899, aig àm Cogadh na Mìle Làithean chaill am baile dha feachdan A' Bheiniseala.le taic bho na Libearalaich a bha a' sabaid an aghaidh na Tòraidhean. Ghairm Humberto Gómez agus Arévalo Cedeño poblachd neo-eisimeileachd ann an Arauca ann an 1916. Cha do mhair an ar-a-mach sin mòran ùine, ach sheall e dìreach cho dona 's a bha an droch làimhseachadh a fhuaireadh Arauca is an roinn aige bhon Riaghaltas ann am Bogotá.

Fad na 1050an fhuaireadh na reubaltaich Libearalach làn taic ann an Arauca is iad a' sabaid ann an cogadh fhuilteach neo-fhoirmeil an aghaidh a' Phàirtidh Tòraidh ris an canar an t-ainneart. Nochd na Reublataich ELN ann an 1968 agus FARC ann an 1969 is am baile fhathast fo bhuaidh iomadh bhuidhne armachd, gu seachd àraidh na làimh dheis. Thoisich gnìomhachas a' Pheatroil ann an 1983.

Sluagh a' bhaile

deasaich

Ged a tha 75,557 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 12,923 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Arauca (is mòran dhuibh mestizos), le 1% dhe Tùsanaich agus 3,2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87.9% dhe na daoine ann an Arauca leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach ann an 38,2% dhe na dachannan.[9]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Arauca. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Oilthighean

deasaich

Daoine ainmeil

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Invias
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Encyclopédie Larousse[dead link]
  5. Bailtean as motha na dùthcha
  6. Saint Barbara
  7. Fiosrachadh a' Chomhairle
  8. Colombia Virtual
  9. Bileag fhiosrachaidh DANE
  10. Country Studies: Colombia
  NODES
Idea 4
idea 4