Co-chaidreachas na Rèine
B’ e buidheann de stàitean fo bhuaidh na Frainge a bh’ ann Co-chaidreachas na Rèine (Fraingis: États confédérés du Rhin Gearmailtis: Rheinbund). Mhair Co-chaidreachas na Rèine dìreach seachd bliadhna, bho 1806[1] gu ruige 1813, ri linn na cogaidhean a lean Ar-a-mach na Frainge. Chaidh a chruthachadh le Napoleon Bonaparte an dèidh buaidh a thoirt air An Ostair agus An Ruis aig Cath Austerlitz.[2] B’ e an Còrdadh Phressburg a chur air bhog an Cho-chaidreachas agus b’ e Frankfurt a bh’ ann am prìomh-bhaile.[3] B’ e prionnsachan Gearmailteach (Gearmailtis: fürsten) a bh’ ann buill a’ Co-chaidreachais aig an robh ceanglaichean làidir cùbhaidh do dh’ Ìmpireachd Naomh na Ròimhe, ach b’ ann dìreach le Napoleon fhèin a bha an cumhachd: dhìonadh esan is na feachdan aige buill a’ Co-chaidreachais agus thathar dhen bheachd nach e ach stàitean-cliant a bh’ annta. Bha Karl Von Dalberg na cheann-suidhe bho 1806 gu 1813 agus an uair sin Eugène de Beauharnais, gu deireadh na bliadhna 1813. A bharrachd air na 16 stàitean a bha an sàs aig toiseach an latha, ghabh 23 eile ann cuideachd.[4] Nuair a bha an Co-chaidreachas aig àirde a treise, bha còrr is 15 muillean duine a’ fuireach ann. B’ e mùr dìonadach mòr agus buannachd ro-innleachdail feumail dhan Fhraing air taobh searach a h-Impireachd a bh’ ann Co-chaidreachas na Rèine agus na 63,000 saighdear a bheireadh e do Napoleon.[5]
Co-chaidreachas na Rèine Rheinbund États confédérés du Rhin | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1806 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1813 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Frankfurt | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Eadailtis, Fraingis, Gearmailtis, Pòlainnis, Seacais |