'S e rìgh Albannach a bha ann an Coinneach I na h-Alba (no Coinneach Cruaidh MacAilpein no An Ferbasach).

Coinneach I na h-Alba
list of kings of the Picts (en) Translate


monarc na h-Alba

843 - 858
Drost X nan Cruithneach - Dòmhnall I na h-Alba
Beatha
Breith Ì Chaluim Chille, 810
Dùthaich  Alba
Bàs Fothair Tabhaicht, 8 dhen Ghearran 858
Àite-adhlacaidh Iona Abbey (en) Translate
Teaghlach
Athair Alpin mac Echdach
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine taigh Ailpinn
Dreuchd
Dreuchd monarc

Sinnsireachd

deasaich

Phòs seanair Choinnich, Eoch (air a neo Achaius ann an Laideann), bana-phrionnsa Chruithneach den ainm Unguia – nighean Rìgh nan Cruithneach Unguis. Mar seo bha ceangal aig Alpean agus a mhac, Coinneach, ri teaghlach rìoghail nan Cruithneach. Rugadh Coinneach ann an 810.

Ged a bha càirdeas eadar Rìgh nan Sgaothaich (air a neo Gàidheal neo Scoti san Laideann) agus Rìghrean nan Cruithneach, cha robh a mhòr-shluagh Cruithneach no na h-uaislean aca deònach an leigeil a-steach mar tighearna. Nuair a chaidh na Lochlannaich is na Cruithnich a chogadh an aghaidh a-chèile, chaisg Coinneach a làmh an àite a dhol a chuideachadh nan Cruithneach – seo ged a bha fios aige gum biodh dùil aig na Lochlannaich cumhachd fhaighinn air dùthaich nan Gàidheal (ris an canar Dail Riata) an dèidh dhaibh sgrios a dhèanamh air arm agus uaislean nan Cruithneach.

Thuit Rìgh nan Cruithneach – Uen – agus a bhràthair Bran a chogadh na Lochlannach agus còmhla riutha bha mòr-bhàs ann am measg nan uaislean is tighearnan Cruithneach eile.

Sheas Coinneach a-steach do dhùthaich nam Cruithneach cho luatha sa b' urrainn dha oir bha dùil aige a ghlèidheadh mar pàirt den rìoghachd aige fhèin.

Bha neach eile ann, de’n ainm Ured, a ghlac an t-slat rìoghail. Chan eil fhios an robh Ured agus Coinneach fàisg air a-chèile mar a bha an rìgh aosd Cruithneach agus mac Alpein ach ma bha (agus chan eil cinnt sam bith gun robh càirdeas eadar an dithis) cha robh iad ro mheasail air a chèile.

Mar a thachair, thagh na h-uaislean Cruithneach a bha air fhàgail MacAilpein agus chaidh an cumhachd rìoghail a spìonadh a làmh Ured agus a thoirt do Choinneach sa bhliadhna 843.

Agus 's ann mar seo a thàinig an dà rìoghachd – Dail Riada agus Pictavia mar a chanar ann an Laideann – ri chèile agus thòisich eachdraidh ar dùthcha fhèin, Alba. Chaochail e ann an 858.

Aistean co-cheangailte ris

deasaich
  NODES
Idea 6
idea 6
iOS 6
languages 1
mac 5
os 8