Cuenca
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Cuenca
Sgìre Castilla-La Mancha
Co-chomharran 40° 04' 18' Tuath
02° 08' 06' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 61.18 km²
Àireamh-shluaigh 55,428 (2009)
Dlùths 905.98/km²
Àireamh fòn + 34 969
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

’S e baile mòr faisg air Teruel ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Cuenca (IPA: kweŋka). Tha e suidhichte aig 946m os cionn ìre na mara,[1] 161km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 660km bho Bharcelona.[2] Tha 55,428 duine a’ fuireach ann an Cuenca.[3] 'S ann ainmeil air feadh an t-saoghail a tha e air sàilleabh na Taighean Crochte (Spàinntisː casas colgadas) a tha nan seasamh os cionn a' bhaile. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Cuenca a th’ann cuideachd.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha e coltach gur ann à قونكة (Qūnkatu) [4] ann an Arabais a tha an t-ainm, air sàilleabh gu robh dùn os cionn a'bhaile fhèin, nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Arabach.Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean, a' call an ق (qaf) agus an t-iar-leasachan -tu, a' toirt dhuinn Conca ann an Catalanais agus Cuenca Spàinntis. Tha an fhuaimreag o air atharrachadh dhan dhà-fhoghair ue (/ɔ/ gu /wo/), rud a tha a' tachairt daonnan sa chànan sin.[5]

Eachdraidh

deasaich

Thathar dhen bheachd gun do ràinig na daoine dhan àite seo o chionn 90,000 bliadhna. B' e na Ceilt-ibearaich a bh' ann mus tug na Ròmaich seilbh air an Spàinn air fadː chandah Lobetum ris aig an àm.[6] Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Cha do thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach ach aig deireadh Cogadh Sìobhalta na Spàinne air 29 am Màrt 1939, trì latha mus do bhuannaich Francisco Franco.[8]

Cruinn-eòlas

deasaich

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Cuenca.[9] Cha tuit ach 476mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 794mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann:

 

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Aemet
  2. Distance Calculator
  3. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  4. Herráiz Gascueña M.G., Ruta de las Rondas, 7 paseos por Cuenca, Ayuntamiento de Cuenca, 2008.
  5. Boletín de Filología
  6. Cuevas, Pedro José (2000). «Pobladores». Cuenca. Cuenca: Alfonsípolis
  7. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  8. Cerdán de Landa J., La Guerra en Cuencaː Crónica Urgente de la Guerra Civil en 1936, Llanura, 2011, ISBN 9788495685346
  9. Climate Data

Ceanglaichean A-mach

deasaich
  NODES
Idea 3
idea 3
iOS 2
languages 1
mac 2
Note 1
os 9