'S e lèirsinn nan rudan a tha mu timcheall oirnn leis na sùilean fo bhuaidh an t-solais a th' ann an ꞌꞌꞌdathꞌꞌꞌ. Bidh na daoine ag aithneachadh nan dathan tro thrì sgrùdaidhean-sìolachaidh.[1] 'S ann air bith-eòlas a tha lèirsinn nan dathan crochte. Mar eisimpleir, tha feadhainn ann a chì na dathan ann an dòigh eadar-dhealaichte bho dhaoine eile, agus cha bhi iadsan a' faicinn diofar no diofar eadar dearg agus uaine/gorm, tachartas ris an canar dath-dhalladh.[2] Tha diofar mhòr ann eadar lèirsinn nan dathan agus mìneachadh nan dathan ann am fiosaigs. Chan fhaod na daoine dealachadh a dhèanamh eadar buidhe aon dathach (solas le dìreach aon tonn-fhad) agus measgachadh uaine còmhla ri dearg. Air sgàth am mealladh-radhairc sin, bidh monatairean a' sealltainn an dath buidhe air sgàileanan le beagan taic bhon mheasgachadh uaine agus dearg, air a bheil an Siostam RGB. 'S e cromataigeachd[3] a chanar ri saidheans dhathan, a ghabhas a-steach a h-uile dòigh anns a chì ar sùilean dathan, tùsan nan dathan ann an caochladh stuth, teòiridh nan dathan ann an ealain agus feartan fiosaigeach nan dathan ann an speactram dealan-mhagnaitich. Chan ann an dath (air neo tonn-fhad) ach feartan an t-solais, 's a leithid, mar eisimpleir cùrsa, luaths, dèine, co-leanailteas agus pòlarachadh. Chan fhaod ar sùilean luaths, co-leanailteas no pòlarachadh an t-solais fhaicinn, agus feumaidh sinn innealan a chleachdadh air a shon.

Ceanglaichean a-muigh

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Küppers, Harald. Fundamentos de la teoría de los colores. Barcelona, Gustavo Gili SA. ISBN 968-887-203-2.
  2. Vísindavefur
  3. SFM
  NODES
Idea 2
idea 2