Doha
لدوحة Doha | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Catar |
Ceàrn | Ad Dawhah |
Co-chomharran | 25° 16' 54" Tuath 51° 31' 3" Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 132 km² |
Àireamh-shluaigh | 339,847 (2004) |
Dlùths | 2,574.6/km² |
'S e prìomh-bhaile Chatar a tha ann an Doha (Arabais: لدوحة, (Ad-Dawḥah) neo (Ad-Dōḥah). 'S e am baile as motha na dùthcha cuideachd, tha mu 80 % de muinntir na dùthcha a’ fuireach anns an àrd-bhaile Doha. Tha e suidhichte air cladach Camas Pearsach. B’ ann ann an Doha far an robh na Geamaichean Àisianach anns a' bhliadhna 2006.
Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1850 le Al-Bida mar ainm. Thàinig an t-ainm “Doha” bhon fhacal Arabach ad-dawha, a’ ciallachadh: a’ chraobh mhòr. Canar gun robh craobh mòr, mòr ri taobh a' bhaile iasgach a bha ann aig an àm seo.
Tha pàirt den baile ann ris an canar Education City. Tha mòran oilthighean ann, seo cuid den fheadhainn as cudthromaiche:
- Oilthigh Chatar; dh’fhosgail e anns a’ bhliadhna 1973
- Oilthigh Georgetown
- Weill Cornell Medical College, pàirt den Oilthigh Cornell
- Oilthigh Virginia Commonwealth
- Oilthigh Texas A&M
- Oilthigh Northwestern University
- College of the North Atlantic - Catar
- Oilthigh Carnegie [1]
- Campas HEC Paris
Tha port-adhair eadar-nàiseanta, an Doha International Airport ann cuideachd. Ach air sgàth 's gun do fhàs an roinn malairteach ‘s an roinn turasachd cho luath, gu h-àraidh aig àm nan Geamaichean Àisianach, bha am port-adhair ro bheag airson an trafaig a bh’ ann. Chaidh port-adhair ùr, an New Doha International Airport, a thogail. Bha a’ chiad phàirt dheth deiseil ann an 2009, is mòr gu leòr airson 25 millean luchd-siubhail gach bliadhna. Bhathar an dòchas gum robh am port-adhair ùr deiseil ann an 2015.[2] [3].