Drochaid Mhic Iain
Drochaid Mhic Iain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 12′ 50″ Tuath 03° 25′ 01″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | Drochaid Mhic Iain aig Visit Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Drochaid Mhic Iain. Tha e suidhichte aig 93m os cionn ìre na mara,[1] ann an ceann a tuath na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Am Magh Fada agus Logarbaidh, ri taobh na h-aibhne Anainn. Tha e 14km air falbh bho Dhùn Phrìs agus 110km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Drochaid Mhic Iain. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air coilltearachd agus àiteachas. Chaidh am baile a stèidheachadh dìreach ann an 1820.[3] Tha taigh-òsda[4] agus seirbheisean a' mhòir-rathaid ann.[5] Tha bun sgoil ann[6] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil anns a' Mhagh Fada.
Eachdraidh
deasaichMar a tha an t-ainm a' cur nar cinn, s' ann le Clann 'Ic Iain a bha an sgìre air fad o shean. Chaidh eaglais a' bhaile a thogail ann an 1819, air tobhtaichean an t-sean eaglais bho 1743.[7] Chaidh clag na h-eaglaise a thoirt bhon Tùr a bhuineadh do Chlann 'Ic Iain ann am Beattock. Chaidh an lùchairt Raehills a thogail san dàrna leth na 18mh Linne.[8] Chruthaich an t-innleadair Thomas Telford drochaid an seo ann an 1818, a bha cho cudromach a thug i ainm dhan bhaile a dh'fhàs mus a timcheall. Thogadh tè ùr na àite ann an 1939. Chaidh am mòr-rathad a thogail ann an 1966 agus seirbheisean còmhla, a tha a' toirt airgead agus dreuchdan dhan sgìre. [9] A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair trì duine deug às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[10] agus ceithrear eile san Dàrna Cogadh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Elevation Map[dead link]
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Scottish Places
- ↑ Trip Advisor
- ↑ Motorway Services
- ↑ A' Chomhairle[dead link]
- ↑ Dumfries Companion
- ↑ George Goldsmith[dead link]
- ↑ Scottish Screen Archive
- ↑ Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck