John Smith
B' e neach-poileataigs à Alba is ceannard a' Phàrtaidh Làbarach eadar 1992 is 1994 a bha ann an John Smith QC BP.
Rugadh e ann an Dail Mhàilidh is thogadh e ann an Ìle. Bha e na sgoilear aig Sgoil-ghràmair Dhùn Omhain is na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu far an do dh'ionnsaich e lagh agus bha e an sàs anns a' phoileataigs. Bhuannaich e co-fharpaisean deasbaireachd còmhla ri Dòmhnall Mac an Deòir, mar eisimpleir Geall-dùbhlain an Albannach ann an 1961 is Màs an Observer ann an 1962.[1]
Chaidh e na thagraiche ann an 1967 is sheas e airson nan Làbarach ann am Fìobha an Ear anns na taghaidhean ann an 1961 is 1964. Bhuannaich e Siorrachd Lannraig a Tuath ann an 1970 is chaidh e na mhinistear airson ola anns an riaghaltas Làbarach ann an 1974, agus chaidh e san chaibineit ann an 1978 dìreach mus do thill na Làbaraich gu beingean-dùbhlain ann an 1979. Dh'obair e mar neach-labhairt na Malairt agus a' Gnìomhachais eadar 1984 is 1987, is mar sheannsalair dùbhlanach an dèidh 1987. An dèidh dhan Pàrtaidh Làbarach an taghadh coitcheann 1992 a chall choisinn e ceannas a' phàrtaidh an aghaidh Bryan Gould.
Fhuair e clisgeadh-cridhe ann an 1988 agus a-rithist ann an 1994 nuair a chaochail e.[2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “About John Smith”. John Smith Centre for Public Service, Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 28mh dhen Ghiblean 2020.
- ↑ McSmith, Andy: “John Smith obituary”, The Guardian. 13mh dhen Chèitean 1994. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2020.
Keir Hardie (1906–1908) • Arthur Henderson (1908–1910) • George Barnes (1910–1911) • Ramsay MacDonald (1911–1914) • Arthur Henderson (1914–1917) • William Adamson (1917–1921) • J. R. Clynes (1921–1922) • Ramsay MacDonald (1922–1931) • Arthur Henderson (1931–1932) • George Lansbury (1932–1935) • Clement Attlee (1935–1955) • Hugh Gaitskell (1955–1963) • Harold Wilson (1963–1976) • James Callaghan (1976–1980) • Michael Foot (1980–1983) • Neil Kinnock (1983–1992) • John Smith (1992–1994) • Tony Blair (1994–2007) • Gordon Brown (2007–2010) • Ed Miliband (2010–2015) • Jeremy Corbyn (2015–2020) • Keir Starmer (2020–)