Locarbaidh

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 07′ 12″ Tuath
3° 21′ 25″ Iar
Comharradh-clèithe NY 135 815
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 4,190 (2020)
Àireamh fòn 01576
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Logarbaidh[1] no Locarbaidh.[2] Tha e suidhichte aig 101m os cionn ìre na mara,[3] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Drochaid Mhic Iain agus Eaglais Fheichin, ri taobh na h-aibhne Water of Milk.[4] Tha e 239km air falbh bho Obar Dheathain, 100km bho Ghlaschu, 16km bho Inbhir Anainn agus 93km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Locarbaidh. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus gnìomhachas. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile, dà thaigh-seinnse[5] agus còig taigh-òsda ann. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil agus àrd sgoil ann.[6] Ann an 2020 bha 4190 duine a' fuireach an seo.[7]

Freumhan an Ainm

deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd,[8] tha a h-uile coltas ann gur ann à Lochlannais by (baile neo croit) agus ainm pearsanta mar Loker a tha ainm a' bhaile.[9] 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[10] gu h-àraidh nas fhaisge air a' mhuir.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1306 mar Lokardebi. Tha Logarbaidh aimeil air sgàth 's gun do thachair an Lockerbie disaster no an Lockerbie bombing, mar a chanas luchd na Beurla an seo air 21 an Dùbhlachd 1988. Thuit pàirt dhen phlèan dhen Pan Am Flight 103 air a' bhaile an dèidh spreadhadh-boma le neach-fuathais.[11] Chaidh 270 duine a mharbhadh, bha 11 daoine às a' bhaile fhéin.

Iomraidhean

deasaich
  1. Stòr-dàta SMO
  2. Lockerbie/Locarbaidh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 11mh dhen t-Sultain 2018.
  3. Elevation Map
  4. Scottish Places
  5. Beer in the Evening
  6. A' Chomhairle
  7. Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
  8. The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  9. Viking
  10. Ordnance Survey
  11. Victims of Pan Am flight 103
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  NODES
Idea 5
idea 5
iOS 2
languages 1
mac 1
os 4