Medellín
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá)
Àirde 1538m
Co-chomharran 6° 14′ 9.33″ Tuath
75° 34′ 30.49″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 382 km²
Àireamh-shluaigh 2,223,078 (2005)
Dlùths 5,819.58/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Mhedellín

Medellín (Spàinntis: IPA:[með'eˈʝin] neo [með'eˈʎin]), gu h-oifigeil Municipio de Medellín (Spàinntis) neo Baile Medellín. 'S e an dàrna baile as motha ann an Coloimbia a th' ann. Tha e suidhichte ann an Antioquia anns A' Ghleann Aburrá, fear dhe na gleanntan as fhaide air thuath na h-Andes ann an Aimearaga a Deas,[1] 414km air falbh bho Bhogotá.[2] Tha sluagh dhe 2.4 muillean aige.[3][4] 'S e an dàrna tuineachadh as motha ann an Coloimbia a rèir an t-sluaigh a th' ann, le a barrachd air 3.2 millean duine, san àite 95 eadar na bailtean as motha na cruinne, ma thoirear a-staigh an sgìre mu a thimcheall, Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín (Area Metropolitana de Medellín).

Chaidh Medellín a stèidheachadh ann an 1616 leis an Spàinnteach Francisco Herrera Y Campuzano mar El Poblado de San Lorenzo (Tuinneachadh Naoimh Lawrence) anns an sgìre ris an canar El Poblado gus an-diugh. Ann an 1675 stèidhich A' Bhanrìgh Companach Mariana na h-Ostaire am Villa de Nuestra Señora de la Candelaria ("Baile Naoimh Mhàiri à Chandelaria").

Ann an 1826 chaidh am baile ainmeachadh mar phrìomh-bhaile na Roinne Antioquia le ùghdarrasan co-àiteachail na Spàinne. Ann an 1803 chaidh an Oilthigh Antioquia a stèidheachdh agus 's e aon dhe na h-oilthighean as buaidheach ann an Coloimbia a th' ann. An dèidh do Choloimbia an neo-eisimeileachd bhon Spàinnt a bhuanachadh, bha Medellín na phrìomh-bhaile na Stàit Feadaral Antioquia gus 1888, le èigheachd Bun-Reachd na Coloimbia ann an 1886. 'S e làrach malairteach fiùghantach bh' ann am Medellìn rè na 19mh linne, tro as-mhalairt an òir aig an toiseach, agus an uair sin tro chinneasachadh agus as-mhalairt a' chofaidh. An dèidh Cogadh na Mìle Làithean (1899 — 1902), 's e Medellín a' chiad bhaile ann an Coloimbia a ghabh pàirt anns an Tionndadh Gnìomhachais le stèidheachadh companaidhean a' chlòtha, agus pròiseactan còmhdhail mar an trèana, a mhisnich as-mhalairt, agus stèidheachadh iomadh oithighean agus sgoiltean dreuchdail, is iad a chruthaich Bùirdeasachd bheag.

Anns a' ceathramh mu dheireadh na 20mh linne, bha prìomh àros Pablo Escobar maslach ann am Medellín, ceannard buidheann mhòr eucoirich, a bha an seachdamh duine a bu bheairte san t-saoghal tro mhalairt dhrogaichean, a-rèir aithisg bho Iris Forbes ann an 1989.[5] 'S e "Cairteil a' Mhedellín" an t-ainm a chuir na meadhannan anns na Stàitean Aonaichte oirre, a chionn 's gun do stèidhich esan agus a chuid chompanaich an gnothach ann am Medellín.[6] Stiùireadh Escobar cogadh ceannaircich an aghaidh Riaghaltais Choloimbia rè na 80an agus na 90an, ann an cuid gus nach fheuch na h-ùgharrasan ri a thoirt air falbh gu na Stàitean Aonaichte e. Chaidh e a mharbhadh le feachdan Phoilis Choloimbia 2 an Dùbhlachd, 1993.

Fhuair am baile a chuid fhiùghantais gnìomhachasail air ais aig toiseach na 21mh linne, le togail siostaim treànaichean ris an canar Metro de Medellín, agus le polasaidhean leasachaidh na bu shaoire, adhartasan anns an tèarainnteachd agus anns an fhoghlam, agus tro bhrosnachadh a' bhaile aig ìre eadar-nàiseanta mar cheann-uidhe turasachd.

Bheir Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín gu buil 67% an Làn Thoradh Dùthchail aig Antioquia agus 11% eaconomaidh Choloimbia.[7] 'S e roinn chudromach a th' ann am Medellín a thaobh oilthighean, sgoiltean treànaidh, malairte, gnìomhachais, saidheans, seirbheisean na slàinte, àiteachas-flùraichean, fèisean, taighean-seinnse agus clubaichean.

Facal-Fhreumhachd an ainm Medellín

deasaich
 
Mariana na h-Ostaire.

Bha còig ainm air a' bhaile Spàinnteach tùsail ron fhear air a bheil e an-diugh: Aburrá de los Yamesíes, San Lorenzo de Aburrá, San Lorenzo de Aná, Valle de San Bartolomé, agus Villa de la Candelaria de Medellín.

Fhuair am baile an t-ainm aige bhon a' bhaile Medellín, faisg air Badajoz ann an Extremadura anns An Spàinnt. Chaidh am Medellín Spàinnteach a stèidheachadh ann an 75 RO le Quintus Caecilius Metellus Pius.[8]. 'S ann an Roinn Badajoz a bha cuid dhe na Ceannsaichean, neo Conquistadores ann an Spàinntis, Gaspar de Rodas, prìomh Riaghladair na h-Antioquia, nam measg.

Dh'iarr An t-Iarla Pedro Portocarrero y Luna, Cathraiche Comhairle Innseachan an Iar (Consejo de Indias), do Chrùn na Spàinne gun cuireadh ainm a' bhaile aige fhèin, Medellín ann an Extremadura, air a' bhaile ùr ann an Aimearaga. Chaidh an t-iarrtas aige a ghabhail ris 22mh an t-Samhain, 1674, nuair a ghlaodh An Tàinistear Mariana na h-Ostaire gur e Villa de Nuestra Señora de Medellín an t-ainm a bha air a' bhaile. Rinn An Riaghladair, Miguel Aguinaga y Mendiogoitia, an èigheachd oifigeil 2 an t-Samhainn, 1675. Bhuilich Mariana gearradha-arm air a' bhaile 24mh An t-Iùchar 1676.[8]

Eachdraidh

deasaich

Tùsanaich Aimearaganach

deasaich

Seallaidh an fhianais-àrsaidheachd, a fhuaireadh le sealgairean agus luchd-cruinneachaidh, gun robh daoine a' fuireach anns A'Ghleann Aburrá o chionn 10,500 bliadhna. Lorg Ceannsaichean Spàinnteach a' ghlinne iomadh bhuidhne, mar na tuatha Aburrá, Yamesí, Pequé, Ebejico, Norisco, agus Maní is iad air a bhith nan tàmh anns a' ghlinne bho mu dheidhinn a' chòigeamh linne. Thug na h-Aburrá an t-ainm orra air a' ghleann. 'S e tuathanaich a bh' annta is chinneadh iad cruithneachd Innseanach, pònair agus cotan, dh'fhigheadh agus mhaiseachadh iad clò, reiceadh iad salann, agus b' e òr-cheàrdaichean a bh' annta. Chaill iad an cuid fearrainn fo Riaghailt nan Spànnteach, agus bha iad fo smachd siostam riaghaltais fhiùdalaich. Chaidh iomadh dhuibh a thoirt dha na mèinnean. Chaidh iad uile a mhilleadh anns a' ghleann sin co-dhiù, le tinneasan às an Roinn Eòrpa, a bharrachd air an obair chruaidh agus an droch làimhseachaidh a fhuair iad. Tha daoine le buntaineas do thuatha a' Ghlinne Aburrá ann fhathast is iad a' fuireach ann an sgìrean eile ann an Stàit na h-Antioquia, mar eisimpleir ann an Urabá agus anns an sgìre ann an àirde a deas agus iar.

Taisgealadh Spàinntich a' ghlinne

deasaich
 
Marasgal Jorge Robledo.

Anns an Lùnasdal 1541, bha Marsgall Jorge Robledo anns an àite ris an canar Heliconia an latha an-diugh agus chunnaic e rud fad às is esan a' creidsinn e gur e gleann a bh' ann. Chuir e Jerónimo Luis Tejelo am fearrann a rannsachadh, agus ràinig Tejelo an fhaiche far a bheil Medellín an latha an-diugh tron oidhche 23 an Lùnasadal. Thug na Spàinntich Gleann Naoimh Bartholome air, ach chaidh sin atharrachadh ann an ùine ghearr gu Aburrá, an t-ainm tùsail aige, a tha a' ciallachadh "Dealbhadairean," air sgàth gu rinneadh na Tùsanaich dealbhan air a' chlò.[9] Cha robh an gleann cho tarraingeach dha na ceannsaichean aig an àm sin, leis cho gann 's a bha e a thaobh bheairteis agus leis cho nàimhdeil a bha daoine an àite.

Ann an 1574 dh'iarr Gaspar de Rodas bho Chabildo de Antioquia (Comhairle na h-Antioquia), ceithear mìle ceàrnagach de fhearrann fhaighinn airson treudan agus tuathanas a stèidheachadh anns a' ghleann. Thug a' Chomhairle trì mìle ceàrnagach dhe fhearrann dhasan.[9]

Thàinig An Reachdadair Co-Àiteachail Francisco de Herrera y Campuzano le 80 Tùsanaich Aimearaganach ann an 1616, ga ainmeachadh "Poblado de San Lorenzo," far a bheil "Ceàrnag El Poblado" an latha an-diugh. Ann an 1646 dh'òrdaich lagha co-àiteachail gun sgarradh na Tùsanaich Aimearaganach bho na mestizos agus na mulattos, is le sin thòisich riaghladh co-àiteachail air baile ùr a thogail ann an Aná, far a bheil A' Cheàrnag Bherrio an latha an-diugh, agus far an deach eaglais Nuestra Señora de la Candelaria de Aná ("Naomh Màiri à Candelaria ann an Aná") a thogail. Trì bliadhna an dèidh sin, thòisich na Spàinntich Iglesia La Candelaria de Medellín (Eaglais Chandelaria ann am Medellìn) a thogail, a chaidh a thogail a-rithist aig deireadh na 18mh linne.[9]

Am baile a' fàs

deasaich
 
Eaglais Màiri a' Chandelaria anns a' Chèarnaig Berrio.

Thòisich an sluagh air fàs lìonmhor an dèidh 1574, agus bha Gaspar de Rodas na thàmh anns a' ghleann. A-rèir cunntasan na h-Eaglaise San Lorenzo, bha sia pòsaidhean ann eadar 1646 agus 1650, agus 41 eadar 1671 agus 1675.[9] Bha mèinnean òir air an leasachadh ann an iar-thuath Antioquia, agus bha feum orra air biadh fhaighinn bhon dùthaich ri a thaobh. 'S e àite gu math roi-innleachdail eadar mèinnean òir agus a' chiad phrìomh-bhaile roinneil, Santa Fe de Antioquia a bh'ann an Gleann Aburrá.[9]

Thòisich a' phrìomh-bhaile roinneil, Santa Fe, a chuid shuimealachd a chall agus dh'fhàs e bochd mean air mhean, leis gun tigeadh daoine cudromach a' mhalairte chun a' ghlinne Aburrá, far an do thòisich teaghlaichean beairt fearainn a cheannachd. Ann an ùine ghoirid, dh'iarr a' chiad chuid dhe tìrichean gun cruthachadh comhairle anns a' ghleann, agus le sin fhuair iad riaghaltas fa-leth bho Shanta Fe.[9] Rinn an riaghaltas ann an Santa Fe sabaid an aghaidh sin, ach 22 An t-Samhainn 1674 chuir Mariana na h-Ostaire a h-ainm dhan reachd a chruthaich a' Chomhairle. Chaidh an reachd rìoghail a ghairm 2 An t-Samhain 1675 leis an Riaghladair Miguel de Aguinaga. Fhuair am baile ùr an t-ainm Villa de Nuestra Señora de la Candelaria.[9]

Rè linntean fo bhuaidh nan Spàinnteach

deasaich
 
Mapa Medellín mar a bha e ann an 1791.

Bha na daoine air an sgapadh air feadh a' ghlinne ro stèidheachadh a' bhaile, agus cha robh ach corra theaghlaich gan cruinneachadh aig beul na h-Aibhne Aná (An Abhainn Santa Elena) an-diugh agus na h-Aibhne Medellín; bha feadhainn eile a' fuireach ann an El Poblado San Lorenzo. An dèidh na reachd rìoghail, thagh na luchd-inmrich làrach air an Abhainn Aná mar chridhe a' bhaile ri teachdail, le eaglais Candelaria ann am meadhan.

'S e gnothaichean tiughadh gu math sìmplidh a bh' anns na prìomh thoglaichean. Cha robh ach dà ùrlair fiu's aig taighean na daoine as cudromaiche, agus cha robh an eaglais agus Talla a' Bhaile cho drùidhteach. Cha robh an eaglais air a leasachadh ach anns an 18mh linn. Cha robh ach ùrlar air Talla a' Bhaile, a bha stèidhichte ri taobh an iar na ceàrnaig. Bha mullach tiughadh air gu ruige 1742, nuair a chuireadh sglèitean air. Ann an 1682, thòisich luchd-malairte agus còigrich Iglesia de la Veracruz (Eaglais na Croise Fìor) a thogail, coisrigte mar eaglais le Easbaig na Popayán ann an 1712.[9]

 
Eaglais na Croise Fìor

Thug prìomh chùnntas-sluaigh na linntean co-àiteachail àite ann an 1675: bha 3,000 duine agus 280 teaghlach ann. Cha do rinn iad cùnntas-sluaigh eile gus an do dh'òrdaich "El Visitador Colonial" (An Reachdadair Co-Àiteachail) Juan Antonio Mon y Velarde e uaireigin eadar 1786 agus 1787: bha 14,507 duine agus 241 teaghlach ann. Ann an 1808, dà bhliadhna mus do bhuannaich Coloimbia a cuid neo-eisimeileachd, bha 15,347 duine agus 360 teaghlach ann.[9]

Chaidh Colaiste Rìoghail nan Franciscanach a stèidheachadh 180 ann am Plaza Central (Cèarnag Bherrío an latha an-diugh) agus bha roinnean Gràmair, Feallsanachd agus Diadhachd aige.[10] Ann an ùine ghearr, chaidh an Colaiste a ghluasad gu togalach ùr anns a' Cheàrnag Bheag San Ignacio. Ann an 1821 fhuair e an t-ainm ùr Colaiste na h-Antioquia, agus mu dheireadh thall Oilthigh Antioquia ann an 1901. Bha a' chiad sgoil trèanaidh dreuchdail, a' chiad stèisean radio cultarail ann an Aimearaga-Laideannach, agus a' chiad gharradh luibheachaig an oilthigh. Tha e clùiteach an-diugh airson leasachaidhean anns an leigheasachd, ath-chur buill-bodhaig nam measg.

Tionndadh Gnìomhachais

deasaich
 
Toglach Stèisean Mheadhanach an Trèana air a dh'ath-leasachadh.

Dh'fhàs am baile uabhasach cudromach aig ìre nàiseanta rè na 19mh linn a chionn 's gun dèanadh òr agus coifidh, a bharrachd air gun do thogadh an rathad iarainn roinneil (Ferrocarril de Antioquia), air a rachadh à cleachdadh a-nis.

Dh'àrdaich sluagh a' Mhedellín sia turas anns a' chiad leth na 20mh linn, bho sluagh de 59,815 ann an 1905 gu 358,189 ann an 1951. Chuir Cogadh na Mìle Làithean (1899-1902) stad air leasachadh gnìomhachasail a' bhaile, ged nach tug an cogadh sìobhalta buaidh gu dìreach air an roinn. Rinn Ceann-suidhe Rafael Reyes ath-chruthachaidhean an dèidh a' chogaidh, agus lean leasachadh gnìomhachasail a' bhaile [9] le stèidheachadh Comann Luchd-Malairte ann am Medellín. Chruthaich a' bhuidheann sin pròiseact còmhdhail roinneil a cheangail Medellín do roinnean eile ann an Coloimbia agus thall thairis.

A dh'aindeoin gu robh gnìomhachas an òir uabhasach cudromach aig toiseach toiseachaidh leasachaidh Medellín, 's e cofaidh a thug fàs air a' bhaile anns an 20mh linn. Dh'fhàs am malairt gu ìre eadar-nàiseanta leis gum fàsadh cofaidh a' phrìomh stuth as-mhalairt na dùthcha. A bharrachd air sin, chruthaich fiùghantas gnìomhachasail malairteach a' Mhedellín clas dhe luchd-malairte agus luchd-dèanadaise is stèidhich iad prìomh ghnìomhachasan aig ìre nàiseanta ann an Coloimbia.[9] Rè na 1930an, leasachadh gnìomhachas a' chlòtha le teaghlaichean a rinn am fortain ann am mèinnean an òir aig àm a' cho-àiteachais. Chaidh gnothaichean na Glainne, na Dighe, agus a' Bhìdhe a stèidheachadh rè nan 1930an, agus chuidich sin Medellín an roinn gnìomhachasail a dhèanamh an tè a bu chudromaiche ann an Coloimbia. Tha feadhainn dhe na companaidhean sin a' dol fhathast, seadh le an ainmean tùsail aca, seadh le ainmean ùra.

 
Chaidh an Tùr Coltejer, an togalach as àirde ann am Medellín, a thogail eadar 1968 agus 1972, samhla eadar-nàiseanta a' bhaile.

Malairt ann am Medellín

deasaich

'S e tè dhe na companaidhean fighe as cudromaiche ann an Coloimbia a th' ann Coltejer. Chaidh a stèidheachadh ann am Medellín le Alejandro Echavarría 22 An Dàmhair 1907.[11]

Bheireadh nochdadh a' ghuail ann an Amagá, a tha suidhichte corra mhìle mu dheas a' Ghlinne Aburrá, agus togail ionadan dealain-uisge cumhachd dha na gnìomhachasan ùra, agus air sgàth sin chaidh iomadh chompanaidhean beaga a chruthachadh. Chuir Rathad Iarainn na h-Antioquia (ga thogail ann an 1875) cruinn-eòlas fhir dhe na sgìrean as beanntaiche ann an Aimearaga a Deas fo smachd, gu h-àraidh an Tunail La Quiebra, a chruthaich ceangail eadar teis-meadhan a' ghnìomhachais agus an Abhainn Mhagdalena, an abhainn mhòr as so-sheòlta ann an Coloimbia. Thog Medellín a' chiad phort-adhair aige ann an 1932, am Port-adhair Enrique Olaya Herrera.[9]

Sheall sgrùdadh a rinn Charles H. Savage mu dheidhinn a' chinneasachaidh gnìomhachasail ann an Antioquia eadar 1960 agus 1972 dìreach cho cudromach a dh'fhàs na gnìomhachasan ann am Medellín airson Coloimbia agus Aimearaga a Deas. Rinn esan sgrùdadh air buil na atharraidhean sòisealta a dh'adhbharaich an teis-eòlas ùr. Chùm Savage sùil mionaideach air trì taighean-gnìomhachais ann an Antioquia: dà thaigh-crèadhadaireachd ann an Santuario agus La Blanca, a bharrachd air taigh-gnìomhachas a' chlòtha ann amn Medellín. Cha robh Savage uasal a-mhàin à toradh gnìomhachasail na taighean-gnìomhachasan ann an Antioquia, ach cuideachd às an dàimh eadar luchd-obrach agus fasdaidhearan, agus dh'ainmich e an èifeachdas ghnìomhachasail sin "Cultar na h-obrach".[12] Chaidh na toraidhean aige a chur sa chlò leis a' cho-làimhaiche aige George F. Lombardi fon ainm Sons of the Machine.[13][14] Chaochail Savage ann an 1973.

Ealainn agus litreachas rè a' chiad phàirt na 20mh linn

deasaich
 
Dàmh nam Mèinnean aig an Oilthigh Nàiseanta Coloimbia, earrann Mhedellín.

Tha an Oilthigh Antioquia, an Oilthigh Nàiseanta Colombia leis an earrann aige ann am Medellín, agus Universidad Pontificia Bolivariana (an Oilthigh Pàpanach Bolivarianach) air a bhith aig cridhe foghlam acadaimigeach a' bhaile aig ìre eachdraidheil agus iad a' treànadh clas inntleachdail a' cheàrna, aig ìre nàiseanta agus eadar-nàseanta.

'S e eileamaid shòisealta chudromach a bh' ann an Ealain agus Litreachas ann am Medellín. Ghabh am baile pàirt ann an atharrachaidhean litreachais bho Romannsaidheachd gu Ealainn Nòdha Ùr agus bhuidhnean litreachas na linne ùir rè a' chiad leth dhen 20mh linn. Rinn an t-ùghdar Tomás Carrasquilla (1858 - 1940) mion-sgrùdadh air sluagh na h-Antioquia a bha aige fhèin, is chuir esan an cèill gu h-amaiseach am beatha làitheil agus na cleachdaidhean aca. Bha an t-ùghdar agus feallsanachd Fernando González à Envigado (ann an ceàrn cathaireil a' Mhedellín), an dealbhadair na dealbhan-èibhinn Ricardo Rendón agus am bàrd León de Greiff a-measg luchd-stèidhichidh na Panidas, buidheann litreachais à Medellín. Bha bàird agus ùghdairean cudromach eile ann, mar Phorfirio Barba Jacob agus Efe Gómez. 'S e Eladio Vélez agus Pedro Nel Gómez na dealbhadairean a bu chlùitiche. Bha an ceòladair Carlos Vieco Ortiz uabhasach ainmeil. Bha na prìomh-oifisean aig companaidhean ciùil mar Sonolux, Ondina agus Silver ann am Medellín.[9]

Bha na clubaichean ann am Medellín, iomadh dhuibh le freumhan aig deireadh na 19mh linn mar an Club Union (stèidhichte ann an 1894) agus an Club Campestre (stèidhichte ann an 1924), aig cridhe buidhnean inntleachdail agus gnìomhachasail. Chaidh an Circo España (Siorcas na Spàinne) a chruthachadh ann an 1909 agus an Taigh -cluiche Bolívar, ann an 1919. Chaidh an Taigh-cluiche Junín àlainn a sgrios airson an Tùr Coltejer a thogail. Chaidh Cine Colombia, a' chiad chompanaidh sgaoilidh fhilmichean na dùthcha, a stèidheachadh ann am Medellín ann an 1927.[9]

Plana Mòr Medellín

deasaich
 
El Poblado, sgìre beairt mu dheas, fear dhe na làraich cathaireil agus eaconamach as cudromaiche na Colombia.

Rè na 1950an dhealbhachadh luchd-gnìomhachas, luchd-malairt agus an Riaghaltas Ionadail Am "Plan Mòr Medellín" (PMM) (Plan Pìdhleat), plana airson leasachadh a' bhaile air feadh a' Ghlinne Aburrá agus mu dheireadh thall chruthachadh sin a' chiad cheàrn cathaireil ann an Coloimbia. 'S e Paul Wiener agus José Luis Sert na ailtirean a bha os cionn a' phròiseact. Bha cladhachadh na h-Aibhne Mhedellín, stiùireachadh tuineachaidhean ùra air buthaich a' ghlinne, cruthachadh làraich gnìomhachasail ann an sgìre Guayabal, dealbhachadh cathaireil airson is gum biodh am baile ann an co-fhuaimneachd leis an abhainn, togail Pàirc Ball-Coise ùr, agus stèidheachadh làraich riaghal anns an La Alpujarra a-measg nam pròiseactan a bu chudromaiche anns a' PhMM.[9]

Thòisich àm ùr dhe cugallachd phoiliteagach airson Choloimbia an dèidh mort tagraiche a' chinn-shuidheis Jorge Eliecer Gaitán ann an ùpraid air a bheil Am Bogotazo, a thachair ann am Bogotá ann an 1949. Sgaoil an t-ainneart poiliteagach air feadh sgìrean dùthchail na tìre, agus bu chòir dha iomadh thuathanaich a theiche chun nam bailtean-mòra. Dh'èireadh sluagh Mhedellín gu luath rè nam bliadhnachan a thigeadh. Dh'fhàsadh bruthaich a' ghlinne loma-làn slumaichean. Bha 358,189 luchd-àiteachaidh anns a' bhaile ann an 1951, ach 22 bliadhna an dèidh sin, ann an 1973, bha an sluagh air a dhol suas trì tursan gu 1,071,252.

Thug an sluagh buaidh mhòr air a' PhMM. Dh'fhàs crìochan a' bhaile gu ruige àiteachan nach robh am broinn a' PhMM, is le sin thàinig Medellín dìreach ri taobh bailtean eile anns a' ghleann Aburrá, mar Envigado, Bello agus Itagüí; 'S e teaghlaichean bochda a bh'ann na in-imrich ùra a fhuair Medellín, is iad gun creideis gus taighean a cheannaich, agus air sgàth sin chaidh iomadh sgìrean a thogail taobh a-muigh a' PhMM; Chaidh sgrios a chur air tòrr sheann thoglaichean ann am meadhan a' bhaile airson tùraichean àrda, oifisean agus rathadan mòra a thogail. Chaidh sgrios a chur air An Taigh-Cluiche Junín, a bha cho àlainn ri taobh Santa Elena, dìreach gus an Tùr Coltejer a thogail. Solaraich an inimricheas mhòr gu Medellín luchd-obrach gu leòr airson leudachadh taighean-gnìomhachasan a' chlòtha, is iad a bhith ga ùrachadh aig an àm sin,[9] ach chruthaich e trioblaidean ùra airson a' bhaile cuideachd: cion-cosnaidh na b'àirde, seirbheisean air dhìth dha na sgìrean bochda, ainneart cathaireil tro iomadh dhuibh, agus collapse an t-siostaim chòmhdhail. Abair àite foirfe airson am mafia a rinn droch chrom air a' bhaile fad na deicheadan a leanadh a chintinn, agus bu chòir dhan PhMM a dh'fheitheamh airson amannan nas fheàrr.

Beò Cultarail fad na deicheadan a dh'fhalbh

deasaich
 
Càrn-Cuimhne "La Raza" (A' Chinneadh), obair ann ann umha agus crudhtan le Rodrigo Arenas Betancur, 124 troighean. Tha e stèidhichte aig Talla a' Bhaile ann an La Alpujarra.

Nochd ginealach ùr dhe ùghdairean agus luchd-ealainn, le nòs na b'ùire, ann am Medellín anns na 1950an. Chàineadh iomadh ùghdair an cultar ionadail agus nàiseanta. Chuir Manuel Mejía Vallejo nòs aithriseach ùr air bhonn gun a chuid fhreumhan ionadail fhàgail. 'S e cuideachd linn an Nadaismo a bh'ann, buidheann litreachasis a chaidh a chur suas le Gonzalo Arango agus iomadh eile. Bha an Nadaismo ana-chèireachail gu fosgailte, is e a' càineadh bun-nòsan traidiseanta a' chomainn-shòisealta, agus bhathar a' beachdachadh gu robh e nihilist aig ìre feallsanachail. Bha an dealbhadair Debora Arango an sàs ann an saoghal sòisealta agus poiliteagach na dùthcha leis a cuid obrach. 'S e dealbhadair ainmeil eile a thug cliù dha Medellín tro mheadhan an ealainn a bh'ann Fernando Botero, a fhuair brosnachadh airson a chuid obrach ann am beatha làitheil agus dràma a' bhaile. Thug esan a' mhòr-chuid dhen obair a rinn e do Thaigh-Tasgaidh na h-Antioquia mar thabhartas, agus chuir am baile taingeil an t-ainm aige fhèin dhan Cheàrnag Bhotero. Rè na 1970an thogadh am fear-ealainn Rodrigo Arenas Betancur na deilbheadhean chàrn-cuimhne aige ann am Medellín ach cuideachd fad iomadh sgìrean eile air feadh Choloimbia. 'S e ùmhlachd dhan chultar Paisa a tha an obair ainmeil aige, La Raza (A' Chinneadh), stèidhichte anns an làrach riaghlach La Alpujarra.

Thoir iomadh ionadan cultarail beò dhan bhaile, mar an Taigh-Chluiche Pablo Tobón Uribe (1967), Taigh-Tasgaidh an Ealainn Nòis Ùir (1978), agus An Taigh-Tasgaidh Cathaireil (1987). Fhuair An Taigh-Tasgaidh Traidiseanta na h-Antioquia an darna fhosgladh oifigeil aige le mòran dhen chuid obrach a rinn Fernando Botero ann an 2000. Tha oilthighean ùra air a fhosgladh anns a' bhaile cuideachd: Oilthigh Medellín (1950) agus Oilthigh Eafit (1960).

Rannsachadh

deasaich

Tha an American Geographical Society ag obair air pròiseact airson clàr-leabhraichean brìgheil coileanta an Comuna 13, fear dhe na mòran sgìrean ann am Medellín, a chruthachadh.

An latha an-diugh

deasaich
 
Leabharlann na Spàinne, structar ailtireil ùr-nòsach mòr ann an crudhtan ga thogail air bàrr a' bheinn ann am Medellín

Thoisich Diadhaireachd an t-saoraidh an seo ann an 1968, air sàilleabh gum cumadh co-labhairt na h-eaglaise an siud ann an co-theacsa ùr is bochdainn is ainneart a' sìor fhàs.

'S e an suidheachadh gur e am baile as cudromaiche taobh ghnìomhachais ann an Coloimbia a th'ann Medellín an rud a bu mhotha a chuidich am baile staing na 1980an agus na 1990an a cheannsachadh. Tha am baile uabhasach moiteil às am Metro de Medellín, seirbheis còmhdhail cathaireil mòr, agus 's ean aon rud bhon a' Phlan Mòr Medellín na 1950an air a nochdadh gus an latha an-diugh a th'ann. Chaidh togail Ceàrnag a' Mhedellín, ionad eadar-nàiseanta airson cruinneachaidhean agus taisbanaidhean, a dhealbhadh gus eaconomaidh eadar-nàiseanta na Coloimbia a shealltainn dhan shaoghal. 'S e baile ùr-nòsach le sluagh dhe trì muillean daoine a th'ann Medellín an-diugh.

Lughdaich an ainneart a bh'ann fad iomadh bhliadhna cnapan-stàrraidh sòisealta is iad ag adhbharachadh mòran dhragh shòisealta. Cheangail am Metro am baile-mòr ri chèile, bho sgìrean bochda gu sgìrean beairt, agus thathar a' dealbhachadh siostam ùr dhe bhusaichean poblach, air a bheil am "Metroplus." Tha àiteachan ann am Medellín an-diugh airson ealainn, bàrdachd, dràma, a bharrachd air togail leabharlainn poblach, stèidheachadh eco-pàircean ùra, leis na daoine an sàs ann an leasachadh a' bhaile.[15]

Cruinne-Eòlas agus Gnàth-shìde

deasaich
 
Sealladh air Medellín bho Enciso

Tha farrsaingeachd dhe 382 km² (237 mìle cheàrnagach) aig Medellín. Tha 16 comunas (sgìrean), 5 corregimientos (bailtean beaga), agus 271 barrios (sgìrean cathaireil) ann. Tha Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín am broinn a' Ghlinne Aburrá gu lèir, aig 1,500 meatair (mu 4921 troighean) os cionn ìre na mara, leis an Abhainn Mhedellín (ris an canar Porce cuideachd), ga sruthadh mu thuath. Tha na bailtean Bello, Copacabana, Girardota agus Barbosa mu thuath a' ghlinne. Tha Itagüí, Envigado, Sabaneta, La Estrella agus Caldas mu dheas a' ghlinne.

Chan eil an a' ghnàth-shìde ann am Medellín cho teth ma iomadh bhaile eile gan stèidheachadh aig an aon domhan-leud dlùth air meadhan-chearcall na cruinne o chionns gu bheil e suidhichte aig 1,500 m os cionn ìre na mara. Leis gu bheil e suidhichte cho àrd os cionn na mara agus air sgàth gu bheil làrach sònraichte aige am broinn na h-Andes, tha an aimsir ann am Medellín nas coltaiche ri gnàth-shìde fo-throipigeach fliuch na gnàth-shìde troipigeach. Tha teodhachd bhliadhnail thar cheann aige mu 22 °C (72 °F), agus leis gu bheil e faisg air a' mheadhan-chearcall, tha an teodhachd gu math seasmhach fad am bliadhna, le mion-atharrachaidhean na teodhachd. Tha an teodhachd a' dol bho 15 °C (52 °F) gu 30 °C (86 °F). 'S e 'La Ciudad de la Eterna Primavera' neo 'Baile an Fhoghar Bith-bhuan' am far-ainm aig Medellín o chionns gu bheil gnàth-shìde chàillear fhogharmhor aige, ach leis gu bheil am baile suidhichte ann an gleann tha mòran sgìrean shuas air an leathad, tha ann teodhachd beagan nas fhuaire anns na beanntan mu thimcheall.

An t-sìde chumanta ann Medellín
Mìos Jan Feb Mar Apr May Jun Jul Aug Sep Oct Nov Dec Bliadhna
Àirde reacòrd °C (°F) style="background:#FF2800;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|32
(89)

style="background:#FF1400;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|33
(91)

style="background:#FF1400;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|33
(91)

style="background:#FF1400;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|33
(91)

style="background:#FF2800;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|32
(90)

style="background:#FF2800;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|32
(90)

style="background:#FF2800;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|32
(90)

style="background:#FF1400;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|33
(91)

style="background:#FF1400;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|33
(91)

style="background:#FF2800;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|32
(89)

style="background:#FF2800;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|32
(89)

style="background:#FF1400;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|33
(91)

style="background:#FF2800;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;
border-left-width:medium"|32 
(90)

</noinclude>

Àirde mheadhanach °C (°F) style="background:#FF3C00;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|27
(80)

style="background:#FF3C00;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|27
(81)

style="background:#FF3C00;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|27
(81)

style="background:#FF3C00;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|28
(82)

style="background:#FF3C00;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|28
(82)

style="background:#FF3C00;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|28
(82)

style="background:#FF3C00;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|28
(82)

style="background:#FF3C00;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|28
(82)

style="background:#FF3C00;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|27
(81)

style="background:#FF3C00;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|27
(81)

style="background:#FF3C00;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|27
(80)

style="background:#FF3C00;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|27
(80)

style="background:#FF3C00;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;
border-left-width:medium"|28 
(82)

</noinclude>

Ìsle mheadhanach °C (°F) style="background:#FF9900;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|17
(62)

style="background:#FF9900;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|16
(61)

style="background:#FF9900;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|16
(61)

style="background:#FF9900;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|16
(60)

style="background:#FF9900;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|16
(60)

style="background:#FF9900;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|16
(60)

style="background:#FF9900;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|16
(60)

style="background:#FF9900;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|16
(61)

style="background:#FF9900;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|16
(61)

style="background:#FF9900;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|16
(61)

style="background:#FF9900;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|17
(62)

style="background:#FF9900;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|17
(62)

style="background:#FF9900;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;
border-left-width:medium"|16 
(61)

</noinclude>

Ìsle reacòrd °C (°F) style="background:#FFCC66;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|11
(52)

style="background:#FFCC66;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|11
(51)

style="background:#FFCC66;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|10
(50)

style="background:#FFCC66;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|11
(52)

style="background:#FFCC66;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|11
(52)

style="background:#FFCC66;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|10
(50)

style="background:#FFCC66;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|10
(50)

style="background:#FFCC66;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|11
(52)

style="background:#FFCC66;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|10
(50)

style="background:#FFCC66;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|11
(52)

style="background:#FFCC66;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|10
(50)

style="background:#FFCC66;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|11
(51)

style="background:#FFCC66;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;
border-left-width:medium"|11 
(52)

</noinclude>

Sileadh mm (òirleach) style="background:#8CA0FF;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|55
(2.17)

style="background:#6478FF;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|77
(3.03)

style="background:#1428FF;color:#FFFFFF;font-size:85%;text-align:center;

"|114
(4.49)

style="background:#000064;color:#FFFFFF;font-size:85%;text-align:center;

"|179
(7.05)

style="background:#000064;color:#FFFFFF;font-size:85%;text-align:center;

"|191
(7.52)

style="background:#000064;color:#FFFFFF;font-size:85%;text-align:center;

"|153
(6.02)

style="background:#283CFF;color:#FFFFFF;font-size:85%;text-align:center;

"|108
(4.25)

style="background:#000064;color:#FFFFFF;font-size:85%;text-align:center;

"|154
(6.06)

style="background:#000064;color:#FFFFFF;font-size:85%;text-align:center;

"|178
(7.01)

style="background:#000064;color:#FFFFFF;font-size:85%;text-align:center;

"|218
(8.58)

style="background:#000064;color:#FFFFFF;font-size:85%;text-align:center;

"|150
(5.91)

style="background:#6478FF;color:#000000;font-size:85%;text-align:center;

"|79
(3.11)

style="background:#0000B4;color:#FFFFFF;font-size:85%;text-align:center;
border-left-width:medium"|1,656 
(65.2)

</noinclude>

Iomradh: [16] 2008-09-26

Sgìrean Riaghlach

deasaich
 
Comunas neo sgìrean ann am Medellín.
 
Corregimientos (bailtean air an dùthaich) a' Mhedellín.

'S e baile fo shiostam deamocratach poblachdach fon Bhun-Reachd Coloimbia bho 1991 a th'ann Medellín, leis an righaltas aige air a sgapadh. Compartichidh Pròbhaist a' Mhedellín agus An Comhairle riaghladh a' bhaile, is iad air a thaghadh tro bhòtadh poblach.

Tha iomadh roinnean oifigeil (secretarías) ann, roinnean airson luaineachd shòisealta, cultar cathaireil, leasachadh sòisealta, foghlam, sgrùdadh agus amchd, riaghaltas, goireasan, obraichean poblach, seirbheisean riaghlaich, àrainneachd, mnathan, còmhdhail, roinn coitcheann, agus roinn prìobhaideach nam measg. A bharrachd aie sin tha iomadh roinn neo-eisimeileach ann: am Port-Adhair Olaya Herrera, an Leabharlann Phoblach (Biblioteca Pública Piloto), Colaiste na h-Antioquia (Colegio Mayor), Companaidh Leasachaidh Chathaireil (EDU), Companaidh na Seirbheisean Phoblach (EEPPM), agus Institiùid Spòrs agus Cur-seachadan (INDER), Companaidhean Choitcheann a' Mhedellín (EEVVM), Stèiseanan a' Bhus Mhedellín, an t-Ospadal Coitcheann Medellín, "Metrosalud" (airson slàinte), Institiùid Chathaireil an Teic-Eòlais (ITM), Metro de Medellín, Metroparques (os cionn na pàircean) agus Metroseguridad (airson tèarainteachd).


Roinnean

deasaich
  • Roinn an earr-dheas sgìre: El Poblado.
  • Roinn an iar-dheas: sgìrean Guayabal agus Belén.
  • Roinn an iar-mheadhannach: sgìrean Laureles, La América agus San Javier.
  • Roinn earr-mheadhannach: sgìrean La Candelaria, Villa Hermosa agus Buenos Aires.
  • Roinn an iar-thuath: sgìrean Castilla, Doce de Octubre agus Robledo.
  • Roinn an earr-thuath: sgìrean Aranjuez, Manrique, Popular agus Santa Cruz.
  • Corregimientos (bailtean beaga): San Sebastián de Palmitas, San Cristóbal, Altavista, San Antonio de Prado agus Santa Elena.

An lagh agus an riaghaltas

deasaich

Tha am Poiliteags agus an Lagh gu math buillsgeanach ann an Coloimbia; tha sin a' ciallachadh gum bithear ag aontachadh agus a' gabhail ris a' chuid as motha dhe na laghan ann am Bogotá, a' phrìomh-bhaile. A dh'aindeoin sin, mar bhaile-mòr, nì Medellín a dhìcheall taobh riaghlach a' cheàrna. Tha Riaghaltas a' Bhaile ga sgarradh eadar earrann an riaghaltais fhèin agus an earrann reachdail. Thathar a' tagh Pròbhaist a' Bhaile (El Alcalde) gu poblach airson ceann-aimsir dhe ceithear bliadhna (dìreach mar Cheann-Suidhe na dùthcha agus Riaghladair gach uile Ceàrna ann an Coloimbia).

'Se am baile a b' ainneartaiche san t-saoghal a bh'ann Medellín o shean. Fhuair e an t-ainm uabhasach sin mar thoradh a' chogaidh cathaireil a rinn na drug cartels aig deireadh na 1980an. Mar dhachaigh A' Chairteil Mhedellín, le Uachdaran na Drogaichean Pablo Escobar os a chionn, bha am baile na h-ìobairteach an uabhais a dh' adhbharaich an cogadh eadar a' bhuidheann sin agus a cuid nàmhaidean. Ach thoisich ìre na h-eucorach a dhol sìos an dèidh bhàis Escobar. Bha ìre na h-eucorach fhathast gu math àrd rè na 1990an, ged a rachdadh e sìos beag air bheag an coimeas ris na bliadhnachan a bu mhiosa. Anns An Dàmhair 2002 dh'òrdaich Álvaro Uribe Vélez, ceann-suidhe na Coloimbia, gun tugadh an t-airm gu buil “Operación Orión”, is iad ag amas air mailisidhean chathaireil na FARC agus na AUC a leigeil ma sgaoil[17]. Eadar 2003 agus 2006 chaidh di-fheachdachadh na mailisidhean chathaireil na AUC a bh'ann fhathast a thoirt gu buil, agus leig a bharrachd air 3,000 fir fo armaibh an cuid armachd dheth[18]. Tha ìre na h-eucorach ann am Medellín air a lughdachadh gu brìgheil. Tha ìre na h-eucorach ann am Medellín gu math àbhaisteach do bhaile-mòr ann an Aimearaga-Laideannach gus an latha an-diugh.

Eaconamaidh

deasaich

'S e stàilinn, a' chlò, aodach, biadh agus deoch, àiteachas (bho na sgìrean dùthchasail), seirbheisean poblach, stuthan ceimeagach and pharmaceuticals, refined ola, agus dìthean a tha aig cridhe an eaconomaidh.

Tha an turasachd air a dhol gu math air adhart anns na bliadhnachan a dh'fhalbh.

Leasachadh Cathaireil

deasaich
 
A' Cheàrnag Bhotero

Tha e uabhasach soilleir gu bheil am baile ga leasachadh ann an dòigh làidir, gu h-àraidh leis cho pailt a tha na tùran àrda ùra a thathar a' togail. Aig an ìre seo tha Medellín a' deànamh nas fheàrr na gach uile baile-mòr eile na dùthcha Bogotá, prìomh-bhaile na nàisein agus cridhe an eaconomaidh, nam measg, taobh togail agus dealbhachadh tùran àrda ùra. Anns an t-Sultainn 2008, bhathar a' togail 127 tùran àrda ann am Medellín, 25 gam àideachadh, agus 17 gam moladh.[19]

Foghlam

deasaich
 
A' Chèarnag Mheadhanach aig an Oilthigh Antioquia

Tha a bharrchd air 30 oilthighean ann am Medellín is iad a' sgaoileadh an fhoghlaim air feadh na h-Antioquia, an "Eje Cafetero" (sgìre a' Chofaidh) agus Costa na Cairib. 'S e Oilthigh na h-Antioquia, an t-Oilthigh Nàiseanta Coloimbia agus an Colaiste Jaime Isaza Cadavid (poblach), agus an t-Oilthigh EAFIT, Oilthigh Medellín, An t-Oilthigh Pàpanach Bolivarianach, an t-Oilthigh San Buenaventura, Sgoil Inneallaidearachd na h-Antioquia, Oilthigh Santo Tomas, SENA (Seibheis Nàiseanta Ionnsachaidh) agus CES am feadhainn as cudromaiche. A bharrachd air sin, tha ionadan teic-eòlais curomaich ann, mar ITM (Institiùd Nàiseanta an Teic-Eòlais).

 
Leabharlann an Oilthigh Prìobhaideach EAFIT.

Rè an deichead mu dheireadh, tha Riaghaltas a' bhaile air foghlam poblach, togail sgoiltean is leabharlainn anns na sgìrean bochda a bhrosnachadh. Tha seann traidisean dhe sgoiltean agus colaistean prìobhaideach anns a' bhaile, iomadh dhuibh gan ruith leis an Eaglais Caitligeach, buidhnean prìobhaideach, agus feadhainn bho thall thairis. Tha na sgoiltean Columbus, Theodoro Hertzl, San Ignacio de Loyola, Cumbres, Colombo Britanico, El Corazonista, Marymount, Montessori, na àrd-sgoiltean Los Pinares, Los Alcázares, San José De La Salle, Jorge Robledo, a sgoil Teicnigeach Salesianach Pedro Justo Berrío, An Oilthigh Pàpanach Bolivarianach, agus mòran eile nam measg.

Thoir iomadh non-governmental organizations agus buidhnean oifigeil taic do development airson chloinne agus òganaich bho na sgìrean bochda. Tha Baile Don Bosco a' toirt cùram gu clannn na sràide.[20] An dèidh sìtheachadh a' bhaile thàinig buidhnean dha na sgìrean a bu bhochda is iad ag obair còmhla ris na daoine òga a bha an sàs ann an ainneart cathaireil, gus na cothroman aca a leasachadh. Bha pàirt cudromach cuideachd aig na oilthighean ann am Medellín, poblach agus prìobhaideach, còmhla ri buidhnean nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Oilthighean

deasaich

Còmhdhail

deasaich

Còmhdhail Adhair

deasaich
 
Port-Adhair Eadar-nàiseanta José María Córdova
 
Port-Adhair Olaya Herrera

Tha am Port-Adhair Eadar-nàiseanta José María Córdova (MDE) ann an Rionegro, baile eile an àirde an ear Medellín, taobh a-muigh a' ghlinne Aburrá. Tha e a' frithealadh cinn-uidhe nàiseanta agus edar-nàiseanta, agus 's urrainn dha ri itealain mòra a dhèiligeadh is plèanaichean a dhol sìos tron oidhche. Bith tursan-adhair eadar-nàiseanta ann gach latha gu agus bho Miami, Eabhraig Nuadh, Baile Meagsago, Caracas, Quito, Baile Panama, Porlamar, Aruba agus iomadh bailtean cudromach eile. Chan eil am Port-Adhair Olaya Herrera (EOH) a' frithealadh ach tursan-adhair roinneil, triallaiche agus plèanaichean beaga, anns a' chummantas.

Còmhdhail Fhearrainn

deasaich
 
Treànaichean Metro an am Medellín

Thoir siostam còmhdhail poblach a' bhaile a-staigh busaichean diesel, tacsaidhean, agus treànaichean cathaireil ris an canar Metro de Medellín. Ceangailidh am Metro Medellín fhèin gu Itagüí, Envigado agus Bello. Thèid loighne A bho Itagüí gu Niquía, agus loighne B bho San Antonio gu San Javier. A bharrachd air sin, frithealaidh Loighne K agus Loighne J, an air chàball, air a bheil am Metrocable, gu ruige sgìre cruaidh taobh chruinne-eòlais agus an eaconomaidh. Toisichidh loighne K aig stèisean metro Acevedo aig loighne Metro A, suas air a' bheinn, gu ruige Santo Domingo Savio. Toisichidh loighne J aig stèisean metro San Javier aig loighne Metro B, suas air a' bheinn gu ruige La Aurora. Tha planaichean ann airson loighne ùr a' Mhetrocable (Loighne S) a thoisicheas an an 2009, agus ceangailidh sin Santo Domingo Savio gu El Tambo ann am Pàirc Arví faisg air Guarne. 'S e Medellín an aon bhaile an am Coloimbian far a bheil siostam chòmhdhail na leithid.

A dh'aindeoin sin, tha an trafaig ann am Medellín air fhàs gu math làidir, leis cho pailt a tha na carbadan an coimeas ris na sràidean; A bharrachd air sin, 's e dragh mòr a tha'nn an pollution ga dhèanamh leis na busaichean diesel, gu h-àraidh ann am meadhan a' bhaile agus mu dheas ann an El Poblado. Chan eil àite sam bith anns a' bhaile airson rathadan mòr a thogail.

Ann an 2006 thoisich an obair air a' Mhetroplus, seirbheis bhus le rathad aige fhèin, dìreach mar an TransMilenio ann am Bogotá. Le sin, bidh an seirbheis nas luaithe dhe busaichean na ruith dha na stèiseanan metro. Fosglaidh am Metroplus ann an 2009, is e a' fritheadh mhòr-chuid a' bhaile. 'S e an Troncal Medellín a' chiad phàirt dha, bho Oilthigh Medellín ann an àide an iar gu ruige Aranjuez, mu iar-thuath a' bhaile. Lughdaidhidh am Metroplus an droch thrafaig agus pollution anns a' bhaile, oir thèid mòran seann bhusaichean a chur às, is na busaichean ùra a' cleachdadh gas mar chonnadh.

Sluagh a' Bhaile

deasaich
Fàs an t-Sluaigh ann am
Medellín eadar 1905-2005
Cùnntas sluaigh
ann an
Sluagh
Iomlan
% Fàs Bun
Bhliadhna 1905
1905* 59,815 100%
1912* 70,547 118%
1918* 79,146 132%
1928* 120,044 201%
1938* 168,266 281%
1951** 358,189 599%
1964** 772,887 1292%
1973** 1,077,252 1791%
1985** 1,468,089 2454%
1993** 1,630,009 2725%
2005** 2,223,078 3717%
 
*Eachdraidh na h-Antioquia[21] - **Cùnntasan sluaigh a rinn DANE

Fuirichidh 58% sluagh a' Cheàrna Antioquia anns a' Ghleann Aburrá, le 67% sluagh a' Ghlinne Aburrá a' fuireach ann am Medellín fhèin. Taobh sluagh a' bhaile Mhedellín, rugadh 61.3% anns a' bhaile, 38% ann an àiteachan eile ann an Coloimbia agus 0,3% thall thairis.[22]

A-rèir Roinn Nàiseanta Riaghlach na Staitistearachd, bha sluagh dhe 2,223,078 daoine aig Medellín ann an 2005, is le sin bha e an dàrna bhaile a bu mhotha ann an Coloimbia. The metropolitan area of Medellín in 2005 included 3,312,165 inhabitants. Bha 5820 daoine airson gach ciolomeatair ceàrnagach anns a' bhaile. Bha 130,031 daoine nan tàmh ann am bailtean beaga co-cheangailte ris a' bhaile-mòr; 'Se fireannaich a bh'ann 46.7% agus boireannaich a bh'ann 53.3% an t-sluaigh. Tha ìre neo-litireachd dhe 9.8% anns na daoine nas aosda na 5 bliadhna a dh'aois. Tha cumhachd dealain aig 98.8% na taighean ann am Medellín, fìor uisge aig 97.3%, agus tha fòn aig an taigh aig 91% dhuibh.[22]

Breithean agus Bàsan

deasaich

A-rèir a' chunntais-sluaigh DANE 2005, chaidh 33,307 breithean,[23] a chlàradh anns a' bhliadhna sin ann am Medellín, beagan nas lugha na ann an 2004 (33,615). Chaidh 10,828 bàsan a chlàradh ann an 2005, agus 11,512 ann an 2004.

Buidhne Chinnidheach

deasaich

Seo Co-mhisgeachd Chinnsidheach a' bhaile:

Fhuair Medellín iomadh in-imrich às An Spàinn rè na 17mh agus 18mh linntean, a bharrachd air beagan inimreachais gun taghadh à Àfraga an Iar. Chaochail a' mhòr-chuid nan Tùsanach fo bhuaidh tinneasan às an Roinn Eòrpa, agus dh'eadar-phòs iomadh nam feadhainn a mhaireadh beò leis na prìomh In-Imrich Spàinnteach, fireannaich anns a' chumanntas; thoisich inimreachas nam boireannach Spàinnteach air dheireadh. Thigeadh in-imrich à Lebanon, à Iòrdan, às a' Ghearmailt, agus à Portagail rè an 19mh linne. 'S e Paisas air a bheil iomadh dhaoine à Medellín, le freumhan Spàinnteach anns a' chumanntas, gam measgachadh le fuil Àfraganach agus Tùsanach. Tha coimhearsnachd bheag Afro-Coloimbianach and Zambo-Coloimbianach ann (daoine le freumhan Tùsanach agus Àfraganach).

Tha Ceàrn an Chocó dìreach air àird an iar na h-Antioquia, tìr-àraich iomadh in-imrich Afro-Coloimbianach and Zambo-Coloimbianach a Mhedellín agus an sgìre aige. Tha inimreachas às a' Chòsta Chairib Cholombianach air a bhith fa-leth cudromach, gu h-àraidh na daoine òga a thig gus ionnsachadh aig na h-oilthigh ann am Medellín agus fuirichidh iad is iad ag obair anns a' bhaile. 'S ann an Ecuador a thig a' mhòrchuid dhe na in-imrich bho thall thairis is iad an sàs ann am malairt neo-fhoirmeil.

 
silleta traidiseanta aig Fèis Bliadhnail nan Dìthein ann am Medellín.

'S e Antioqueños (Antioquianaich) an t-ainm gu tric a tha air daoine a' Mhedellín bho ainm an stàite, an aghaigh Medellinenses (Medellinianaich) bho ainm a' bhaile. 'S e Paisas, an t-ainm eile a th'orra, is cuid ag ràdh gu bheil freumh an ainm a' tighinn bho na daoine a dh'fhàsadh cofaidh, mar am facal Spànnteach paisano (fear mo dhùthcha). 'S e fear dhe na còig cultar roinneil ann an Coloimbia a th'ann an Cultar Paisas. Tha an Cultar Paisa ga sgaoileadh air feadh na roinnean Caldas, Risaralda, Quindío a bharrachd air corra bhaile ann an Valle del Cauca agus Tolima.

Ged e an cultar Paisa aig a bheil làmh an iuchair ann am Medellí­n ( "A' Phrìomh-Bhaile Paisa"), tha am baile a' fàs nas cosmopolitan, agus a-nis thathar a' tabhann ceòl ceàrnan eile bho ceàrnan eile ann an Coloimbia am mar am (Vallenato agus Chocó), le iomadh bhiadhlann Sìneach, Cùbanch, agus Argantaineach nam measg.

Tha tùs Spàinnteach aig a' chultar Paisa, agus tha traidiseanan Caitligeach, gnìomhachasail, dìorrsach, agus hospitable aige. Thathar ag ràdh gum bruidhinn na Paisas gu ciùin luath, le gàire, agus gu bheil iad dèidheil air an tairbheadaireachd, air an rodeo, air a' ceòl, air a' bhàrdachd, air a' bhall-coise, agus na ho-ro-gheallaidhean. Tha iad uabhasach moiteil às a' bhaile aca. 'S e "rumba" ris an canar beatha na clubaichean, na taighean-sheine, na ceàrnagan agus na sràidean gach deireadh sheachdain.

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Medellí­n. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[24] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

'S e La Feria de las Flores ( Fèis na Dìthein) an fhèis as cudromaiche ann an Antioquia. Gheibh e àite ann am Medellí­n aig toiseach an Lùnasdail agus tha e air a bhith a' cumail gach bliadhna bho 1957. Tha taisbeanaidhean dhe chàraichean seann fhasanta, silleteros (daoine a' toirt dìthein), agus eich ann mar phàirt na fèise.

A-measg na fèisean eile tha fèis [1][dead link] Eadar-nàiseanta na Bàrdachd (An t-Iuchar) (a fhuair an Right Livelihood Award ) ann an 2006, Taisbeanadh a' Mhiotais agus an Fhionnsgeul (An Dùbhlachd) agus ColombiaModa (tachartas gnìomhachas an Fhasain).

 
Leabharlann Leòn de Greiff.

'S e na sgiobaidhean ball-coise Atlético Nacional, Envigado F.C. agus Deportivo Independiente Medellín a th'ann na clubaichean spòrsail as ainmeile ann am Medellín. Cluichidh iad uile aig a' Phàirc Atanasio Girardot. A bharrachd air sin, tha Medellín clùiteach airson an dà sgioba snàimh ainmeil aige, na Calamares Pilsen agus na Huracanes. Rugadh Santiago Botero Echeverry, am fear a bhuannich lap an Tour de France trì tursan, anns a' bhaile. 'S e cuideachd Medellí­n an t-àite far an do rugadh an cluicheadair goilf proifeiseanta Camilo Villegas, a tha an sàs ann an Turas PGA.

Far-ainmean a' bhaile

deasaich

Aithnichte mar "prìomh-bhaile gnìomhachasail ann an Coloimbia", tha Medellín cuideachd fo na h-ainmean Ciudad de la Eterna Primavera (Baile an fhoghair bith-bhuan), Capital de la Montaña (Prìomh-bhaile nam Beann), Ciudad de las Flores (Baile na Dìthein), "Capital de las Orquí­deas" (Baile nan Orchid), La Bella Villa (Am Baile Boidheach), Tacita de Plata (Cupan Beag an Airgid), and Medallo (bhon ainm Medellìn fhèin).

Daoine Ainmeil

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Gallaraidh

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Mapa oifigeil na roinne[dead link]
  2. Invias
  3. Helders, Stefan. "World Gazetteer: Colombia: largest cities: calc 2006". Archived from the original on 2007-10-01. Retrieved 2006-06-15.
  4. Butler, Rhett (2003). "Largest cities in Colombia (2002)". Retrieved 2006-06-15.
  5. "P. Escobar".
  6. "Cocaine Cowboys". Retrieved 2008-05-04. {{cite web}}: Unknown parameter |dae= ignored (help)
  7. "Report on Medellín's Economy by 2005". Proexport Colombia. Retrieved May 8, 2008. participation of the cities GDP by countries provided by the International Cooperation Agency of Medellín
  8. 8.0 8.1 "Ayuntamiento de Medellín (España). Toponímicos de Medellín" (in Spanish).{{cite web}}: CS1 maint: unrecognized language (link)
  9. 9.00 9.01 9.02 9.03 9.04 9.05 9.06 9.07 9.08 9.09 9.10 9.11 9.12 9.13 9.14 9.15 Restrepo Uribe, Jorge (1981), Medellín, su Origen, Progreso y Desarrollo, Servigráficas, Medellín. ISBN 84-300-3286-X.
  10. Suramericana de Seguros, History of Antioquia, Ed. Presencia Ltda, Medellín, 1988, without ISBN, in Spanish.
  11. Compañía Colombiana de Tejidos (Colombian Textile Company) Coltejer: History of the Company, Itagüí, Colombia, Retrieved on on May 7th, 2008.
  12. Savage presented his thesis "Factories in the Andes: Social Organization in a Developing Economy" for his Doctorate in Business Administration aig Oilthigh Harvard ann an 1962.
  13. Savage, Charles H., Jr., Lombard, George F. F. (1986): Sons Of The Machine.. MIT Press. 
  14. "Sons of the Machine: Case Studies of Social Change in the Workplace". January 1988. pp. 177–179. Retrieved May 6, 2008.. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help); Unknown parameter |on-behalf-of= ignored (help)
  15. Nelson Alcantara: Colombia’s Medellín: City transformed, February 23, 2008. De Colombia Net. Retrieved on May 7, 2008.
  16. http://www.ideam.gov.co
  17. BBC. "Fuego cruzado en Medellín." 17 October 2002. BBCMundo.com. 3 May 2009 <http://news.bbc.co.uk/hi/spanish/latin_america/newsid_2337000/2337667.stm>.
  18. Valencia, German Dario. "Balance del progrma de desmovilizacion." Marzo 2008. www.medellincomovamos.org. 3 May 2009 <http://www.medellincomovamos.org/como_vamos_en/descargas/Consulta%20a%20experto.%20Balance%20programa%20de%20desmovilizacion.pdf[dead link]>
  19. "Skyscrapers of Medellín".
  20. Ciudad Don Bosco Medellín, ionad cùram do chlann na sràide.
  21. Suramericana de Seguros (1988), Historia de Antioquia. Editorial Presencia Ltda.(Edición especial no tiene ISBN) Medellín. pp. 299.
  22. 22.0 22.1 DANE: Cùnntas-sluaigh 2005, Roinn Nàiseanta Staitistearachd na Coloimbia.
  23. DANE: Toradh breithean agus Bàsan.
  24. Country Studies: Colombia
  25. "Acuerdos de colaboración según la web del Ayuntamiento de Barcelona". Retrieved 21 Giblean, 2008. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  26. "Sister cities". Online directory: the Americas (the member directory for sister cities in the Americas. Retrieved 2 Giblean, 2008. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  27. "Hermandad entre ciudades". La Nación,. 14 Màirt, 2004. {{cite web}}: Check date values in: |date= (help)CS1 maint: extra punctuation (link)
  28. Gardel en Tacuarembó, Radio Gardel
  29. "Acuerdos de colaboración según la web del Ayuntamiento de Barcelona". Retrieved 21 Giblean, 2008. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  30. "Sister cities". Online directory: the Americas (the member directory for sister cities in the Americas. Retrieved 2 Giblean, 2008. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  31. "Hermandad entre ciudades". La Nación,. 14 Màirt, 2004. {{cite web}}: Check date values in: |date= (help)CS1 maint: extra punctuation (link)
  32. Gardel en Tacuarembó, Radio Gardel

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  NODES
admin 1
chat 4
Idea 27
idea 27
INTERN 1