B' e buidheann cràbhach Pròstanach a bh' anns na Cùmhnantaich. Bha na Cùmhnantaich air leth cudromach ann an eachdraidh na h-Alba anns an 17mh Linn. Bha iad a' cur an ainmean ri aontan (cùmhnantan), gu sònraichte Cùmhnant Nàiseanta 1638, gus an Leasachadh Pròstanach ann an Alba san 17mh linn a dhìon agus a chur air adhart.[1] B' e Alasdair Peden (Alexander Peden) aon de na Cùmhnantaich a bu dhìlse.

'Coinneamh mì-laghail. Na cùmhnantaich ann an gleann' le Alasdair Carse

An Cùmhnant Nàiseanta

deasaich

Bha an Cùmhnant Nàiseanta 1638 an aghaidh Eaglais na Ròimhe agus poileasaidhean Rìgh Theàrlaich I. Chaidh an Cùmhnant a sgrìobhadh air 28 An Gearran, ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann.[2]

Iomraidhean

deasaich
  1. Foghlam Alba-Na Cùmhnantaich
  2. Bbc.co.uk

Ceanglaichean a-muigh

deasaich
  NODES
Idea 3
idea 3