B' e dealbhadair agus Peantair à Coloimbia a bha ann an Ricardo Rendón Bravo. Rugadh ann an Rionegro faisg air Medellín san 11 an t-Iuchar 1894 agus chaochail e ann am Bogotá san 28 an Dàmhair 1931.[1]

Ricardo Rendón
Beatha
Breith Rionegro, 11 dhen Ògmhios 1894
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 28 dhen Dàmhair 1931
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Nàdar a’ bhàis fèin-mhurt (leòn peileir)
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd caricaturist (en) Translate
Fastaichean El Tiempo
El Espectador
La República (Colombia 1921-1925) (en) Translate
Cromos (en) Translate
Obraichean comharraichte Q124833475 Translate
Ballrachd Los Panidas (en) Translate
Far-ainmean Daniel Zegrí

B' ann gu Antioquia a bhuineadh Ricardo Rendón Bravo, agus bha e na eòlaiche ealain ainmeil a ghabhadh pàirt ann an caochlach bhuidhnean a bha an aghaidh suidheachadh poilitigeach agus sòisealta ann an Coloimbia aig an àm. Bha e an sàs anns na Panidas, ann an 1915. Bhuineadh e do theaghlach beairteach foghlaimte agus bha dàimh dlùth aige dha na h-Uachdarain na dùthcha. Dh'obaireadh anns a' phàipear-naidheachd La República bho 1921 gu ruige 1925. A dh' aindeoin cho ainmeil 's a bha e, chuir e làmh na bheatha fhèin ann an 1931, nuair a bha e dìreach 37 bliadhna a dh' aois.

Samhlaidhean

deasaich

Mar a b' àbhaist dhèanadh Rendón Bravo dealbhan nan daoine is e a' tarraing dìreach sgrìobag neo dhà, gan cur anns an dealbh, gu tric gun chùl, airson a thoirt na bha a' thachairt gu bàrr. Chleachdadh e loidhnichean gus sgread a leigeil, agus cha sgrìobhadh e ach dìreach facal neo dhà airson gum biodh a h-uile càil na b' fhaicsinniche.[2] Tha e follaiseach gu robh e ag iarraidh coltas grànda a thoirt dhan fheadhainn a bha e a' càineadh. Chleachdadh e rudan nàdarra mar chosalachdan, beathaichean, craoibh, rudan – samhlaidhean mar chlaidheamhan, adan, brataichean, nèapraigearan, gluasadan na bodhaige agus làmhan, is aghaidhean anabarrach, gus na smuaintean aca a shealltainn. 'S e na cumaidhean sìmplidh a bha na bu chumanta sa chuid obrach, air sgàth gum biodh a chuid shàr Ealain a bhith na b’ fhasa ri thuigsinn. [2]

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Cartoon Rendón”. Festival Internacional de la caricatura "Ricardo Rendón". Air a thogail 11mh dhen Iuchar 2018.
  2. 2.0 2.1 Obregón, Elkin: “Ricardo Rendón : Retratista y caricaturista implacable”. Red Cultural del Banco de la República en Colombia. Air a thogail 11mh dhen Iuchar 2018.
  NODES
Idea 2
idea 2
INTERN 1