Rufino Cuervo y Barreto
B’ e Rufino Cuervo y Barreto neach-poileataigs, neach-lagha agus neach-aithris à Coloimbia, a rugadh ann an Tibiritá, Cundinamarca 28 an t-Iuchar 1801, agus a chaochail ann am Bogotá, 21 an t-Samhain 1853. Dh’ionnsaich e lagh aig a’ Cholaiste Rosario, ann am Bogotá. A bharrachd air sin, fhuair e deagh fhoghlaim aig Oilthigh Cauca cuideachd.[1] An dèidh sin thòisich e anns a’ bheatha poblach, anns a’ chiad dol a-mach mar sheirbheiseach-stàite aig Rùnaireachd a’ Mhaoineachaidh agus an uair sin mar bhall pàrlamaid agus Probhaist Bhogotá. ‘S e Rùnaire a’ Mhaoineachaidh agus tosgair ann an Eacuador a bh' ann rè a’ chinneas aig Pedro Alcántara Herrán. Bha e na thagraiche airson a’ chinneas ann an 1845, agus fhuair e an treas àite; ged nach do thaghaich am mòr-dhàil e o chionn 's nach robh mòr-chuid aig duine sam bith, chaidh e a roghainn mar leas ceann-suidhe, agus an Seanailear Tomás Cipriano de Mosquera mar cheann-suidhe.[2]
Rufino Cuervo y Barreto | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Tibirita, 28 dhen Iuchar 1801 |
Dùthaich | Coloimbia |
Bàs | Bogotá, 21 dhen t-Samhain 1853 |
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) |
Teaghlach | |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh a' Chauca |
Cànain | Fraingis |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-poileataigs |
Creideamh | |
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
B’ fheudar dhàsan ceannas na Poblachd a fhaighinn eadar 14mh an Lùnasdal agus 14mh an Dùbhlachd 1847, leis gu robh an Seanailear Mosquera às an làthair. Ann an 1849 sheas e airson a’ chinneas a-rithist, fhuair e an treas àite a-rithist, ach b’ fheudar dhan Mhòr-dhàil an gnothach a dhèanamh a-rithist, is iad a’ taghadh eadar na triùir tagraichean a fhuair an taic na bu treasa. Chaidh tagrasan an t-Seanaileir José Hilario López (Pàrtaidh Libearalach Choloimbia), an t-seann mhinisteir Joaquín Gori agus Cuervo (an dithis sin bhon a’ Phàrtaidh Tòraidh Choloimbia) a sgrùdadh leis a’ Mhòr-dhàil agus mu dheireadh thall, an dèidh fhìor dhroch chòmhstri eadar na daoine aig López agus an fheadhainn aig Cuervo (Ghèill na daoine aig Gori), chaidh López a thaghadh.
Bha e an sàs anns na pàipearan-naidheachd bho na 1820an gus an do bhàsaich e. Phòs e Dolores Urisarri, agus thug dithis dhen chuid chloinne aca pàirt anns an eachdraidh poileataigeach (Antonio Basilio Cuervo) agus cultarail (Rufino José Cuervo) na dùthcha.
Iomraidhean
deasaichSimón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)