Suðurnes
Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Prìomh-bhaile Reykjanesbær
Siorrachdan Traidiseanta Gullbringusýsla
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 829 km²
Àireamh-shluaigh 27,113 (2018)
Dlùths 32.71/km²
Duilleag oifigeil Suðurnes

'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann an Suðurnes (Gàidhlig: Rubha a Deas).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, ri taobh Höfuðborgarsvæðið agus Suðurland. 'S e Reykjanesbær a th' anns a' bhaile as motha na roinne, far a bheil a cuid rianachd phoblaich suidhichte.[2] 'S ann ann an Suðurnes a tha port-adhair Eadar-nàiseanta Keflavik[3] agus Bláa Lonið.[4]

Eachdraidh

deasaich

Eadar 965 agus 1874 bhuinneadh Suðurnes gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Sunnlendingafjórðungur/Rangæingafjórðungur còmhla ri Höfuðborgarsvæðið agus pìosan mòra Suðurland.[5] 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann an Suðurnes gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[6]

Daoine Ainmeil

deasaich

Bailtean

deasaich

Àireamh-sluaigh

deasaich

Seo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[7] 'S ann aig Suðurnes 's a tha an ceathramh àireamh-sluaigh as àirde na dùthcha, an dèidh Höfuðborgarsvæðið, Norðurland eystra agus Suðurland.

Bliadhna Àireamh-sluaigh % Nàiseanta
1920 2 497 2,64 %
1930 2 820 2,60 %
1940 3 472 2.86 %
1950 5 058 3,51 %
1960 8 924 4,98 %
1970 10 584 5,17 %
1980 13 302 5,75 %
1990 15 202 5,90 %
2000 16 491 5,79 %
2011 21 088 6,60 %

Siorrachdan ann an Suðurnes

deasaich

Tha dìreach aon sheann shiorrachd ann an Suðurnes: Gullbringusýsla.

Iomraidhean

deasaich
  1. Samband Íslenskra Sveitarfélagra
  2. Reykjanesbær
  3. Keflavikurflugvöllur
  4. Bláa Lonið
  5. Stjórnarriðið
  6. Landskjór
  7. Hagstofa

Ceanglaichean A-muigh

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  NODES
Idea 4
idea 4