Teruel
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Teruel
Sgìre Aragón
Co-chomharran 40° 20' 37' Tuath
01° 06' 26' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 440.41 km²
Àireamh-shluaigh 35,396 (2009)
Dlùths 80.37/km²
Àireamh fòn + 34 978
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

’S e baile meadhanach faisg air Cuenca ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Teruel (IPA: teˈɾwel). Tha e suidhichte aig 915m os cionn ìre na mara,[1] 305km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 428km bho Bharcelona. Tha 35,396 duine a’ fuireach ann an Teruel.[2] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Teruel a th’ ann cuideachd.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha e coltach gur ann à Turboleta ann an Basgais-Ibearais a tha an t-ainm, agus thathar dhen bheachd gu bheil sin a' ciallachadh Àite na Tobrach bho itur + olu + eta. Chaidh sin atharrachadh gu تيروال (Tirwaal) ann an Arabais.[3] An dèidh nan Arabach nochd an dà fhoirm a tha againne an latha an-diugh: Terol ann an Catalanais agus Teruel ann an Spàinntis. Tha an fhuaimreag o air atharrachadh dhan dhà-fhoghair ue (/ɔ/ gu /wo/), rud a tha a' tachairt daonnan sa chànan sin.[4]

Eachdraidh

deasaich

Thathar dhen bheachd gun do ràinig na daoine dhan àite seo o chionn 90,000 bliadhna. B' e na Ceilt-ibearaich a bh' ann mus tug na Ròmaich seilbh air an Spàinn air fad: chandah Lobetum ris aig an àm.[5] Mar a b’ àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[6] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[7] A dh'aindeoin seo, dh'fheuch an Riaghaltas ris a' bhaile fhaighinn air ais agus bha batal mòr fuilteach ann mu timcheall a' bhaile eadar 15 an Dùbhlachd 1937 agus 22 an Gearran 1938.[8] Chaill còrr is 140,000 am beatha san chòmhstri agus thug am batal làmh an uachdar dha na Faisistich. Ghèill feachdan an Riaghaltais agus thoisich a' phoblach a' crìonadh.

Cruinn-eòlas

deasaich

A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Teruel.[9] Cha tuit ach 369mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 804mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173)[10] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann:

 

Iomraidhean

deasaich
  1. Aemet
  2. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  3. Gargallo Moya A., El Concejo de Teruel en la Edad Media I. Teruel, ISBN 84-86982-64-2.
  4. Boletín de Filología
  5. Cuevas, Pedro José (2000). «Pobladores». Cuenca. Cuenca: Alfonsípolis
  6. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  7. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
  8. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
  9. Climate Data
  10. Aragón

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  NODES
Idea 3
idea 3
iOS 2
languages 1
mac 2
Note 1
os 7