Tunis
تونس
Suidheachadh
Dùthaich Tuinisia
Ceàrn Tunis Governorate
Co-chomharran 36° 81’ Tuath
10° 16’ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 212 km²
Àireamh-shluaigh 693,486 (2007)
Dlùths 3,271.16/km²
Duilleag oifigeil commune-tunis.gov.tn

'S e prìomh-bhaile Thuinisia a tha ann an Tunis (Arabais: تونس, Tūnis). Anns a’ bhliadhna 2004 bha 728,453 a' fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha Tunis suidhichte air an ear-thuath na dùthcha air Gulf of Tunis, pàirt den Mhuir Mheadhanach. Tha Tunis 1,570km air falbh bho Rabat (Maroco), 635km bho Algiers (Aildiria), 514km bho Tripoli (Libia), 401km bho Valletta (Malta), agus 600km bhon An Roimh (An Eadailt).[1]

Tha an seann bhaile Carthage dìreach taobh tuath Tunis. Ann am meadhan a’ bhaile Thunis tha seann pàirt ann ris an canar Medina. Tha Medina dìonta mar Làrach Dhualchas na Cruinne leis an UNESCO. Tha Medina a’ gabhail a-steach mòran lùchairtean, mosgan, mausoleums, agus togalachan tùsail eile.

Seo cuid dhiubh:

  • Great Mosque (a’ gabhail a-steach an Muslim University agus an leabharlann )
  • Aghlabid Ez-Zitouna Mosque ("Mosque of the Olive") a chaidh a thogail anns a’ bhliadhna 723 le Obeid Allah Ibn-al-Habhab
  • Dar-al-Bey, neo Lùchairt Bey

Air an taobh eile den Bab el Bahr (ainm eile:Sea Gate neo Porte de France), tha am baile nua-aimsireil neo an Ville Nouvelle (Fraingis). 'S e teas meadhan poileataigeach agus cridhe malairteach a tha ann. Tha port-adhair eadar nàiseanta faisg air a’ bhaile: Tunis-Carthage International Airport.

Daoine Ainmeil

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Distance Calculator
  2. Stadt Köln

Dealbhan

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  NODES
Done 1
orte 1