Ulapul

Suidheachadh
Ulapul is located in Alba
Ulapul
Ulapul (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Ros
Parraist Loch Bhraoin
Co-chomharran 57° 54′ 0″ T
5° 9′ 57.6″ I
Comharradh-clèithe NH125945
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,541[1] (2015)
Àireamh fòn 01854
Còd-puist IV26

'S e port ann an Alba a tuath a tha ann an Ulapul.[2] Tha an t-aiseag a’ dol eadar Ulapul agus Steòrnabhagh ann an Leòdhas.

Tha e na bhaile Iasgaidh anns a' sgìre Ghlinne Bhraoine (Loch Bhraoin), Ros an Iar. Bha mu 1,500 duine a' fuireach ann ann an 1988.

Stèidhichte leis a' Bhritish Fisheries Society ann an 1789, seasaidh am baile air cladach-thogta a tha mu 8m as cionn àrd na mara. Leigeadh na sraidean a mach an cruth A' Bhranndair bho thùs, ged a chaidh iomadh bliadhna seachad mus an robh taigh air gach lot.

Anns an latha an diugh, bithidh an t-aiseag eadar Eilean Leòdhais agus an Tìr Mòr a' seòladh bho Ulapul gu Steòrnabhagh. Is e an laimhrig a tha na fìor cridhe dhan bhaile, agus air barrachd ionad an aiseag tha laimhrig-iasgaidh le acfhuinn-deoigh, thogta 's na 80'n nuair bha Ulapul na phort air leth chudthromach ann an malairt nan "klondyker". Tha Àrd Sgoile nan sia bliadhna stèidhichte 's a' bhaile agus tha aonad Gàidhlig aig a' bhun-sgoile. Tha an nobhail Na Klondykers stèidhichte ann an Ulapul. Bha Ulapul ainmeil airson na luing mòra Sovietach a thadhail air. Bha Pravda air reic ann an Ulapul aig aon àm.

Tha Ulapul ainmeil airson an "Ceilidh Place" stèidhichte leis an actar Raibeart Urchardan (Robert Urquhart), nach maireann. A-rèir an t-Urchardan bha Ulapul riamh baile nan coigreach: - Baile Gallta stèidhichte an sgìre a bha air leth Gàidhealach. Gu deireadh na 1980'n bha seo foillsichte le "Parlamaid nan Penguin"- buidheann nam bodaich a bhiodh a' cruinneachadh gach madainn aig ceann "Sraid na Laimhrig" agus a bhiodh a' comharrachadh le chèile as Gàidhlig na sgìre.

Anns an latha an diugh tha ministeir sgìreil de Eaglais na h-Alba stèidhichte an Ulapul, ach mus an deach stèidhicheadh air a bhaile, b' e Clachan aig Ceann Loch Bhraoin (mar a bhiodh daoine an dùil!), bun-eaglais a' pharaiste. Aig àm an Ath-leasachaidh mharbhadh an sagairt mu dheireadh an siorrachd Rois "An Sagart Ruadh", le saighead, faisg air Clachan.

Tha meadhan a' bhaile eadar Market Street agus Shore Street na raoin-ghlèidhteachais. Tha sin a' gabhail a' phuirt-mara cuideachd[3].

Dealbhan

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Highland profile - key facts and figures”. Highland Council.
  2. Mac an Tàilleir, Iain (2003): “Ainmean-Àite”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
  3. Ullapool(Beurla). Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  NODES
Idea 4
idea 4