Vestfirðir
Vestfirðir | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Innis Tìle |
Prìomh-bhaile | Ísafjörður |
Siorrachdan Traidiseanta | Austur-Barðastrandarsýsla, Norður-Ísafjarðarsýsla, Strandasýsla, Vestur-Barðastrandarsýsla agus Vestur-Ísafjarðarsýsla |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 9,409 km² |
Àireamh-shluaigh | 7,309 (2007) |
Dlùths | 0.78/km² |
Duilleag oifigeil | Vestfirðir |
'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann am Vestfirðir (Gàidhlig: Lochan Mara an Iar).[1] Tha e suidhichte gu math tuath air Reykjavík, eadar Norðurland vestra agus Vesturland. 'S e Ísafjörður a th' anns a' bhaile as motha na roinne, far a bheil a cuid rianachd phoblaich suidhichte.[2] Tha an sgìre a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðvesturkjördæmi.[3]
Eachdraidh
deasaichEadar 965 agus 1874 bhuinneadh Vestfirðir gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Vestfirðingafjórðungur/Breiðfirðingafjórðungur còmhla ri Vesturland.[4] 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann am Vestfirðir gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[5]
Daoine Ainmeil
deasaich- Björn Jónsson (1846 - 1912) Neach-poileataigs.
- Sigurður Eggerz (1875 - 1945) Neach-poileataigs.
- Jón Baldvinsson (1882 - 1938) Neach-poileataigs.
- Ólafur Ragnar Grímsson (1943): Neach-poileataigs.
- Þórhildur Þorleifsdóttir (1945): Actair.
- Albertína Friðbjörg Elíasdóttir (1980) : Neach-poileataigs.
Bailtean
deasaichÀireamh-sluaigh
deasaichSeo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[6] 'S e gu bheil dì-dhaoineachadh na trioblaid mhòr san roinn. Tha an uiread dhaoine a tha san roinn air a bhith a' tuiteam gu cunbhlach bho na 1920an.
Bliadhna | Àireamh-sluaigh | % Nàiseanta |
1920 | 13,443 | 14.24% |
1930 | 13,133 | 12.09% |
1940 | 13,130 | 10.80% |
1950 | 11,300 | 7.83% |
1960 | 10,507 | 5.86% |
1970 | 10,050 | 4.91% |
1980 | 10,479 | 4.53% |
1990 | 9,798 | 3.80% |
2000 | 8,150 | 2.86% |
2007 | 7,309 | 2.32% |
Siorrachdan ann am Vestfirðir
deasaichTha còig seann shiorrachdan ann am Vestfirðir: Austur-Barðastrandarsýsla, Norður-Ísafjarðarsýsla, Strandasýsla, Vestur-Barðastrandarsýsla agus Vestur-Ísafjarðarsýsla.
-
Ísafjörður.
-
Ísafjörður.
-
Bolungarvík.
-
Suðureyri.
-
Drangajökull.
-
Látrabjarg.
-
Látrabjarg.
-
Creagan.
-
TÓsvör.
-
Dynjandisá.
-
Ísafjörður.