Vesturland
Vesturland | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Innis Tìle |
Prìomh-bhaile | Borgarnes |
Siorrachdan Traidiseanta | Borgarfjarðarsýsla, Dalasýsla, Mýrasýsla agus Snæfellsnes- og Hnappadalssýsla. |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 9,522 km² |
Àireamh-shluaigh | 15,025 (2019) |
Dlùths | 1.58/km² |
Duilleag oifigeil | Vesturland |
'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann an Vesturland (Gàidhlig: Tìr an Iar).[1] Tha e suidhichte gu tuath air Reykjavík, eadar Höfuðborgarsvæðið, Norðurland vestra, Suðurland agus Vestfirðir. 'S e Akranes a th' anns a' bhaile as motha na roinne, ged a tha a cuid rianachd phoblaich suidhichte ann am Borgarnes.[2]
Eachdraidh
deasaichEadar 965 agus 1874 bhuinneadh Vesturland gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Vestfirðingafjórðungur/Breiðfirðingafjórðungur còmhla ri Vestfirðir.[3] 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann am Vesturland gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[4]
Daoine Ainmeil
deasaich- Magnús Guðmundsson (1879 - 1937) Neach-poileataigs.
- Ólafur Tryggvason Thors (1892 - 1964) Neach-poileataigs.
- Ásgeir Ásgeirsson (1894 - 1972): Neach-poileataigs.
- Jón Óskar Ásmundsson (1921–1998): Bàrd.
- Edda Heiðrún Backman (1957–2016): Actair.
- Veturliði Óskarsson: (1958) Cànanaiche.
- Sigurður Páll Jónsson: (1958) Neach-poileataigs.
- Magnús Scheving: (1986) Actair agus lùth-chleasaiche.
- Haraldur Benediktsson (1966): Neach-poileataigs.
- Bergþór Ólason (1975): Neach-poileataigs.
- Þórhildur Sunna Ævarsdóttir (1987): Neach-poileataigs.
- Þórdís Kolbrún R. Gylfadóttir (1987): Neach-poileataigs.
Bailtean
deasaichÀireamh-sluaigh
deasaichSeo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[5] Thuit an uiread dhaoine a tha san roinn an dèidh a' Chogaidh ach tha e a-nis nas àirde na bha e a-riamh.
Bliadhna | Àireamh-sluaigh | % Nàiseanta |
1920 | 10.167 | 10,77% |
1930 | 9.636 | 8,87% |
1940 | 9.927 | 8,17% |
1950 | 10.065 | 6,98% |
1960 | 11.973 | 6,68% |
1970 | 13.205 | 6,45% |
1980 | 14.884 | 6,44% |
1990 | 14.537 | 5,64% |
2000 | 14.263 | 5,01% |
2010 | 15.370 | 4,84% |
Siorrachdan ann am Vesturland
deasaichTha ceithear seann shiorrachdan ann am Vesturland: Borgarfjarðarsýsla, Dalasýsla, Mýrasýsla agus Snæfellsnes- og Hnappadalssýsla.
-
Eldborg.
-
Snæfellsjökull.
-
Snæfellsjökull.
-
Búlandshöfði.
-
Innri-Hólmur.
-
Grundarfjörður.
-
Ólafsvík.
-
Búðahraun.
-
Höfn.
-
Saxhóll.
-
Kirkjufell.