Ústí nad Labem
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Seic
Ceàrn Ústí nad Labem
Sgìre Ústecký kraj
Co-chomharran 50° 39 30' Tuath
14° 02 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 93.95 km²
Àireamh-shluaigh 93,409 (2017)
Dlùths 994.24/km²
Àireamh fòn + 475
Duilleag oifigeil http://www.usti-nad-labem.cz/cz/

'S e baile mòr, port agus sgìreachd (Seacais: okres) ann an ceann a tuath Poblachd nan Seiceach a th' ann an Ústí nad Labem (IPA: uːstiː ˈnadˌlabɛm, Gearmailtis: Außig, Pòlais: Uście nad Łabą). Tha Ústí nad Labem suidhichte air na crìochain leis A' Ghearmailt, eadar Pràg agus Dresden san roinn (Seacais: kraj) Ústecký, aig comar nan Aibnichean Bílina agus Labe (Gearmailtis: Elbe), aig 218m os cionn ìre na mara. Tha 93,409 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an seachdamh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 993 agus bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire ro 1918. 'S ann às an fhacal ustie (Gàidhlig: beul na h-aibhne) agus ainm na h-aibhne 's a tha an t-ainm. Bheireadh sin Beul Labe dhuinn sa Ghàidhlig. Chuairtich luchd-leantainn Jan Hus am baile ann an 1426.[2] Ràinig arm mòr às a' Ghearmailt gus am baile a shàbhaladh ach b' e na Husaich a rinn a chùis: Rinn iad droch sgrios air a' bhaile a bha e bàn fad trì bliadhna gu ruige 1429. Thug feachdan na Suaine ionnsaigh air a-rithist ann an Cogadh nan 30 Bliadhna ann an 1587. Chaidh am baile a mhilleadh ann an Cogadh nan Seachd Bliadhna agus an uair sin ann an 1813 leis gun do thachair Blàr Kulm faisg air làimh.[3] Le sin, cha robh ach 1,400 duine a' fuireach ann seo ann an 1830. Thoisich Tionndadh Gnìomhachais an seo fad an 19mh Linn agus bha gnìomhachas mar anart, clòimh agus soithaichean, gu math làidir.[4] Dh'fhàs am baile gu mòr san 19mh Linn agus bha co-dhiù 40,000 duine nan tàmh an seo ann an 1900, mòran dhuibh in-imrich às A' Ghearmailt. Bha na Nàsaich gu math làidir an seo bho toiseach tòisichidh. Chaidh cha mhor a h-uile daoine aig an robh Gearmailtis a chur às an dùthaich ann an 1946. Mharbhadh mòran Ghearmailtich an deidh an Dàrna Cogaidh cuideachd.[5]

Daoine Ainmeil

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Cunntas-sluaigh na Stàite
  2. Geschichte Dresdens, Sachsens, Deutschlands
  3. Radio CZ
  4. Stephen R A Barrow, Death of a Nation: A New History of Germany
  5. Výbuch muničního skladiště
  6. National Gallery

Ceanglaichean A-mach

deasaich
  NODES
Idea 4
idea 4
iOS 3
languages 1
mac 2
os 6