1871 Comann Pharis

Ceann-latha 18 am Màrt gu 28 an Cèitean 1871
Àite Paris, An Fhraing
Buil Bhuannaich an Riaghaltas
Luchd-cogaidh
Poblachd na Frainge
Arm na Frainge
Comunnaich
Garde nationale
Cinn-fheachda
Patrice de Mac Mahon Jarosław Dąbrowski
Louis Charles Delescluze
Eugène Varlin
Auguste Vermorel
Neart
mu 170,000 25,000 - 50,000
na chaidh a leòn 's na chaidh a chall
877 marbh,
53 leòinte
10,000 - 30,000
6,454 leòinte

B' e riaghaltas nan Sòisealach a bha os cionn Pharis bho 28 am Màrt gu ruige 28 an Cèitean 1871, beagan an dèidh dhan Fhraing cogadh an aghaidh na Prùise a chall ann an 1870.[1] Ann an dòigh, cha b' ann ach comhairle ionadail a bh' ann ('s e a th' ann «commune» ann am Fraingis), aig an robh làmh an uachdair as t-fhoghar 1871. Ach co-dhiù, b' e an tachartas poileataigeach na bu chudromaiche na linn a bh' ann, air sàilleabh na rinn e, na èigheachdan connspaideach a ghairm e agus an crìoch doirbh a fhuair e (30,000 duine a chur gu bàs, 38,000 nam prìosanaich agus 7,000 eile gan cur às an tìr). Chaidh comainn a stèidheachadh ann an caochladh baile eile san Fhraing aig an aon àm, mar Marseille, Lyon, Saint-Étienne, Toulouse, Narbonne, Grenoble agus Limoges, bho 3 am Màrt a-mach, ach cha do mhair iad ach greiseag mus an do chuir feachdan na stàite sìos iad. Bha Karl Marx fhèin dhen bheachd gur e a' chiad ar-a-mach saor a' chlas-obrach a bh' ann.[2]

Freumhan

deasaich

Bho 1804 gu ruige 1870, chan ann ach fo bhuaidh deachdaireachd air choireigin a bha An Fhraing: A' Chiad Impireachd, Ath-stèidheachadh, Monarcachd an Iuchair, Dàrna Impireachd. Cha do mhair a' phoblachd no deamocrasaidh ach greiseag.[3] Chaidh freumhan a' chomain air ais dhan a' chiad phoblachd aig àm Ar-a-mach na Frainge ann an 1792, air an robh commune cuideachd, a bharrachd air Ar-a-mach an Òg-mhios 1848, aig àm an dàrna poblachd, a chaidh a chur sìos gu fuilteach marbhtach leis an Riaghaltas ùr.

Cò a bh' annta

deasaich

A rèir tasglann na Stàite, b' e daoine àbhaisteach a bh' ann na communards, mar a chanadh riutha. Mar as àbhaist, b' e duine òg a mu 30 bliadhna a dh' aois agus na chiùird a bh' ann an reubalach à Paris. B' e luchd-togail, luchd-obrach, luchd-meatailte, daoine a bha ag obair ann am bùthan-obrach agus taighean-gnìomhachais beag a bh' annta: (17%, 16% agus 10%). An an dèidh bha na daoine a bha ag obair airson chompanaidhean (8%), na greusaichean (5%), na luchd-reic fìona (4%) agus daoine a bha an lùib gnothaich an leabhair (3%) - air am poileataigeachadh gu làidir. A bharrachd air sin, bha neach-malairt no dithis cuideachd: thuirt na Marxich nach b' e ar-a-mach ùr-nòsach air sàilleabh sin.[4] Bha mòran bhoireannach an lùib cuideachd, agus rinn iadsan tòrr. Bha rèiseamaid aca.[5]

A chuid laghan

deasaich

Ghabh an Comann ri mhìosachan poblachdach agus chleachd e bratach dearg nan sòisealach, an àite bratach trì-dathach Poblachd na Frainge, leis gur e sin am bratach a bha aig na sòisealaich agus radaigich ann an 1848 airson gam diofarachadh bho na Poblachdaich measarra; b' e an aon rud a rinn na Girondins aig àm Ar-a-mach na Frainge ann an 1789. A dh'aindeoin s gu robh diofaran eatorra, thoisich a' Chomhairle gu làidir is chuir i air dòigh na seirbheisean poblach deatamach a dh'fheumas baile mòr le còrr is dà mhuillean duine a' fuireach ann. Dh' aontachadh gum biodh bun-stèidh deamocratach sòisealta, ceumnach, neo-eaglaiseach, gu math deamocratach aig cridhe a cuid pholasaidhean, seach ar-a-mach sòisealta. Cha do chuir air bhog ach corra èigheachd a’ Chomainn, air sàilleabh nach do mhair e ach 16 latha, mar a leanas:

  • Sgaradh eadar an eaglais agus an stàit
  • Caisg air obair oidhche ann an ciadan de thaighean-fuine ann am Paris;
  • Peinseanan do choileabaich neo-phòsta agus do chloinn saighdearan a’ Chomainn a chaidh a mharadh sa chogadh;
  • Thug na bùithtean-ocair stuth air ais do luchd-obrach, agus a b' fhiach 20 de francs, a chaill iad nuair a bha am baile air a chuairteachadh;
  • Fiachan a chuir dheth agus caisg air rèidhean;
  • Còirichean do luchd-obrach seilbh a thoirt air agus ruith companaidh nan leigeadh an neach-malairt i; Bheireadh airgead-diolaidh dhan neach-seilbh.

Rinn na èigheachdan sin sgaradh eadar an eaglais agus an stàit, thugadh seilbh air oighreachdan na h-eaglaise agus bha adhradh san sgoile toirmeasgte. Nuair a chaidh an Comann a bhith, ghabh Riaghaltas na Stàite ris an lagh seo - ann an 1880-81 - agus chaidh sin a leasachadh le Jules Ferry ann an 1905. Ghlèidh an eaglais còirichean a chumail a' dol mar eaglais ach air chumha gum maireadh an dorsan fosgailte san fheasgar airson na coimhearsnachd. Mar an t-sràid agus na taighean-cofaidh, bhathar a' cleachdadh nan eaglaisean airson deasbad a chumail agus poileataigs a dhèanamh.

Seachdain na Fala

deasaich

Thug arm an Riaghaltais ann am Versailles ionnsaigh air a' Chomann air 2 an Giblean agus chailleadh bomaichean gun stad fad làithean. B' ann aig an Riaghaltas a bha làmh an uachdair agus chuir iad stad air co-rèiteachadh sa Ghiblean.

Chailleadh sgìre iomallach mu Courbevoie, agus dh'fhàilnig iomairt fhadalach ri ionnsaigh a thoirt air Versailles. B' e dìon agus maireachdainn a bha aig cnag na cùise a-nis. Bha rèiseamaid nam ban bochda ann, agus shabaid iad airson na Lùchairte Ghile ann am Montmartre a ghleidheadh. Thug na fògarraich is strainnsearan a bha a' fuireach ann am Paris taic làidir dhan Chomann, gu h-àraidh an nàiseantach Polach Jarosław Dąbrowski,[6] a bha na sheanailear gaisgeach. Leigeadh an Colbh Vendôme, na charragh-chuimhne nàiseantach do Napoleon Bonaparte, leis gu robh a' Chomhairle a' gabhail ri eadar-nàiseantas.

Chumadh coinneamhan thall thairis, agus chuireadh brathan agus teachdaireachdan dhan Chomann bho aonaidhean-ciùird agus buidhnean sòisealach bho air feadh an t-saoghail, fiù 's às A' Ghearmailt. Ach cha b' urrainn do bhailtean eile san Fhraing càil a dhèanamh airson a' Chomainn. Chuir Thiers agus a chuid mhinistearan ann am Versailles bacadh air fiosrachadh à no a Pharis agus le sin cha robh fios aige duine sam bi mu na bha a' tachairt sa phrìomh-bhaile.[7] A bharrachd air sin, bha mòran dhaoine air an dùthaich uabhasach amharasach mu phoileataigs sa bhaile. Chaidh reubaltaich ann am bailteach eile a chur sìos gu luath.

Fhad 's a bha a h-uile càil a' dol a dhoilidh, bhuannaich cuid anns a' chomhairle bhot airson «Comataidh na Slàinte Phoblaich», a chur air bhog, dìreach mar a rinneadh ann an 1792. Bha làn chumhachdan aice, ach bha e ro fhadalach airson diofar a dhèanamh. Air 21 an Cèitean, chaidh dorsan air an àirde an iar a' bhaile fhosgladh agus thàinig na saighdearan a-steach à Versailles. Thoisich iad san sgìre bheartach san iar, far an do chuir na daoine fàilte gu math cridheil orra, an fheadhainn a bha air fhàgail fhathast. B' ann furasta dhan na saighdearan an gnothach a dhèanamh, leis gu robh a h-uile daoine dìleas dhan sgìre aige fhèin seach dhan bhaile air fad: cha robh plana dìona coitcheann idir ann, is gach sgìre a' sabaid is a' call air a cheann fhèin. Cha robh sraidean tana na bu mhotha ann,[8] a chuideachadh na reubaltaich, mar a thachradh sna làithean a dh'fhalbh. Bha gunnaichean mòra agus structar làidir aig na saighdearan.

Chuir an Riaghaltas gu bàs na mìltean, boireannaich, fireannaich, a h-uile duine. Thuirteadh gun do loisgeadh air 30,000 prìosanaich, a bharrachd air an fheadhainn a chaochail air sàilleabh cho dona 's a bha an suidheachadh a bh' aca.[9] Chaidh na mìltean eile a chur gu gu prìosanan thall thairis.

Meadhannan

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Arthur Arnould, Histoire populaire et parlementaire de la commune de Paris, Jacques-Marie Laffont et associés, Lyon, 1877
  2. Jules Guesde, Le Livre rouge de la justice rurale : À la mémoire de Charles Delescluze, Éditions d'Histoire sociale, Genève, Blanchard, 1871
  3. Émile Ducoudray, « Commune de Paris/Département de Paris 1789-1794 », ann an Albert Soboul, Dictionnaire historique de la Révolution française, Paris, PUF, 1989
  4. Marxists
  5. Commune 1871
  6. ONET
  7. Prosper-Olivier Lissagaray, L'histoire de la commune de 1871, La Découverte, Paris, 1876
  8. Deutsche Welle
  9. Jacques Rougerie, Paris insurgée, la Commune de 1871, Découvertes/Gallimard, 2009
  10. IMDB
  NODES
Idea 8
idea 8
iOS 4
languages 1
mac 9
os 18