'S e nighean òg Iùdhach a bh' ann an Anne Frank (12 An t-Ògmhios 1929 - tràth sa Mhàrt 1945). Tha i ainmeil airson an leabhar-latha a sgrìobh i nuair a bha i, còmhla ri a theaghlach, air falach bho na Nàsaich ann an Amsterdam - dìreach mar a rinn Éva Heyman thall san Ungair aig an aon àm. Bhàsaich i ann an campa-cogaidh, Bergen-Belsen, ann an 1945. Às dèidh a' chogaidh, chaidh an leabhar-là fhoillseachadh, agus 's e aon de na h-ìobairtich Iùdhach den uile-losgadh as ainmeil a th' ann an Anne Frank a-nis.

Anne Frank
Beatha
Ainm slàn Annelies Marie Frank
Breith Maingau Clinic of the Red Cross (en) Translate agus Frankfurt, 12 dhen Ògmhios 1929
Dùthaich  A' Ghearmailt Nàsach  25 dhen t-Samhain 1941)
 Poblachd Weimar
duine gun stàit  (25 dhen t-Samhain 1941 -
Àite-fuirich Frankfurt
Merwedeplein 37-II (en) Translate
annex Prinsengracht 263 (en) Translate
Frankfurt
Campa-dùmhlachaidh Bergen-Belsen
Ciad chànan Gearmailtis
Bàs Campa-dùmhlachaidh Bergen-Belsen, dhen Ghearran 1945
Àite-adhlacaidh Campa-dùmhlachaidh Bergen-Belsen
Nàdar a’ bhàis unnatural death (en) Translate (am fiabhras-ballach)
Teaghlach
Athair Otto Frank
Màthair Edith Frank-Holländer
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam 6th Montessori School Anne Frank (en) Translate
Cànain Duitsis
Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair leabhair-latha agus sgrìobhadair
Àitichean-obrach Amsterdam
Obraichean comharraichte Diary of Anne Frank (en) Translate
Tales from the Secret Annex (en) Translate
Creideamh
Creideamh Reform Judaism (en) Translate
IMDb nm0290833
annefrank.org

Sgeul-Beatha

deasaich

Rugadh Anne Frank (Annelies Marie Frank) anns a' Ghearmailt, ach ghluais an teaghlach do na Tìrean Ìsle nuair a bha i fhathast na pàiste nuair a thàinig na Nàsaich gu cumhachd ann am Frankfurt. 'S e Edith agus Otto na h-ainmean a bha air pàrantan Anne, agus bha piuthar aice, Margot. Ann an 1942, chaidh iad am falach anns an taigh aca, anns a' phàirt dhìomhair: Het achterhuis (an taigh air cùlaibh). Air an 4mh dhen Lùnastal 1944, fhuair na Nàsaich fiosrachadh mu dheidhinn nan teaghlaichean a bha air am falach anns an taigh, chaidh iad a bhratadh.[1] Bha an teaghlach Frank air an cur gu campa-cogaidh Auschwitz, às dèidh sin, chaidh Margot agus Anne a chur gu campa-cogaidh eile, Bergen-Belsen, far an do chaochail iad.

Iomraidhean

deasaich
  1. Gillebrìde Mac'Illemhaoil. Beatha le Buaidh: Anne Frank (Steòrnabhagh: Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, 2008) d. 18.

Ceanglaichean a-mach

deasaich


  NODES
Idea 4
idea 4