Arabais
'S e Arabais (عربي neo ‘Arabii) a th’ ann an cànan oifigeil fad 26 dùthchannan anns an Ear Mheadhanach.[1] Tha Arabais ga bhruidhinn ann an Aildiria, An t-Siad, An Èipheit, Bachrain, Catar, Cubhait, Diobutaidh, Eartra, Ioràc, Iosrael/Pàlastain, Iòrdan, Leabanon, Libia, Moratainia, Maroco, Na h-Eileanan Chomoro, Na h-Iomaratan Arabach Aonaichte, Omàn, Saud-Aràibia, Siria, Somàilia, Sudan, Sudàn a Deas, Tuinisia agus Iemen ann an corra àite còmhla ri cànain eile. Tha Arabais uabhasach coltach ris na cànain Seimiteach eile, mar Eabhra.[2] ‘S e cànan ùrnaigh na h-Ioslaim a th’ann.[3] Tha Arabais air buaidh mhòr a thoirt air mòran de chànain eile air feadh an t-saoghail tron mheadhan na h-Ioslaim: [4] thathar ga chleachdadh airson faclan ùra a dhèanamh anns na dùthchannan Muslamaich gus an latha an-diugh. Thug e buaidh fa leth mòr air Spàinntis[5] cuideachd is tha sinn air tòrr fhacal saidheansail faighinn bhuaithe. Tha an Arabais eadar-dhealaichte anns gach sgìre is dùthaich, ach ‘s e Arabais an Coràn,[6] le faclan ùra, a thathar a’ leughadh is a’ sgrìobhadh anns na meadhanan agus na sgoiltean.[7]
Arabais | ||
---|---|---|
Luchd-labhairt iomlan |
280m | |
Teaghlach-chànan | ||
Siostam-litreachaidh | Naskh | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | ar | |
ISO 639-2 | ara | |
ISO 639-3 | ara | |
Ceanglaichean A-mach
deasaich- Gràmar Arabais
- Apprendre l’arabe
- Omniglot
- Lire et écrire l’arabe, Rachid Belmouhoub, Larousse, 2006, ISBN 2-03-540279-4
- Easy Arabic