Bliadhna Theàrlaich
na phàirt de: Aramachan nan Seumasach

Blàr Cùil Lodair
Ceann-latha 16 an Lùnastal 174516 an Giblean 1746
Àite Alba agus Sasainn
Casus belli Trioblaidean Creideimh agus Poilitigeach
Buil Bhuannaich Taighe Rìoghail Hanòbhair
Atharrachaidean Thug crìoch air bagairt nan Seumasach do Thaigh Rìoghail Hanòbhair
Luchd-cogaidh
Na Seumasaich

An Fhraing

Taigh Rìoghail Hanòbhair
Cinn-fheachda
Teàrlach Eideart Stiùbhart
Lord George Murray
Rìgh Deòrsa II
Duke of Cumberland

'S e "Bliadhna a' Phrionnsa" no "Bliadhna Theàrlaich" a bh' aig na Gàidheil air Ar-a-mach nan Seumasach 1745-1746 fon Prionnsa Teàrlach Stiùbhart, an iomairt mu dheireadh aig na na Seumasaich. Bha Gàidheil air gach taobh ach 'siad a bh' anns a' chuid a bu motha dhen arm Seumasach; agus eadar 1/3 gu 2/3 dhen arm Dìlseach cuideachd. Chaidh an latha air na Seumasaich ged a rinn iad sabaid treun agus lean sin gu droch dhìol air na Gàidheil, air feadh na Gàidhealtachd.

Nuair a thàining Teàrlach Stiùbhart do dh'Èirisgeigh, dh'innis na tighearnan Gàidhealach dha nach robh cothrom buaidhe ann gun cuideachdadh nam Frangach. Dh'fhàillich aramachan ann an 1688-1690, 1715 (Bliadhna Sheumais), agus 1719. Gidheadh, bha mòran Gàidheil air an robh miann riaghaltais Sheumasaich fhathast. 'S aonar dhiubh a bha ann an Raghnall Dòmhnallach, bràthair tighearna Chinn Loch Mhùideart agus seann-ghaisgeach Bliadhna Sheumais. Bha na fhear-thaic Dhalabroig (ann an Uibhist a Deas), de cheann-cinnidh nan Ràghnallach. Tharraing e claidheamh agus thuirt e, "I will! I will! though not another man in the Highlands should draw a sword; I am ready to die for you!"[1]

Chaidh iad do Ghleann Fhionghain; b' ann an seo a thogadh am bratach Seumasach an àrd 19 an Lùnastal. A rèir beul-aithris, sheinn Alasdair mac Mhaighstir Alasdair òran aige "Teàrlach mac Sheumais," ged a bhitheadh mì-chòrdail ris an teacsa.[2] Sin tòiseachadh an aramach.

Nuair a chaidh an arm Seumasach do Shasainn, bha Uilleam Druimeanach, ceathramh biocas Shrath Ailein, na cheannard an arm ann an Alba.

Thàinig an iomairt gu crìch aig Blàr Chùil Lodair.

Bha Alasdair mac Mhaighstir Alasdair na chaiptean ann an arm Seumasach agus na oide a' Phrionnsa. Is iomadach òran-brosnachaidh a rinn e an adhbhar nan Seumasach.

Tha mòran sgeulachdan Gàidhlig mun chuspair seo, mu dheidhinn Iain Spàinntich agus Mac Mhic Dhòmhnaill Dubh (Dòmhnall Camshron, Morair Òg Loch Iall) gu sònraichte.

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Robert Chambers, History of the Rebellion of 1745–6 (W. & R. Chambers, 1869). Td. 25.
  2. Campbell, John Lorne [1933] (): Highland Songs of the Forty-Five. Dùn Èideann: John Giant, td. 53. 
  NODES
Done 1
Story 1