Bucha
Буча
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Kyivska Oblast
Sgìre Buchanskyi Raion
Co-chomharran 50° 32 55' Tuath
30° 13 15' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 26.57 km²
Àireamh-shluaigh 36,971 (2007)
Dlùths 1,391.46/km²
Àireamh fòn + 380 4597
Duilleag oifigeil https://www.bucha-rada.gov.ua/

'S e baile meadhanach faisg air Kyiv agus Irpin anns An Ucràin a th' ann am Bucha (Ucràinis: Буча, IPA: ˈbut͡ʃɐ). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, san roinn Kyivska Oblast. Tha 36,971 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1898, nuair a thogadh rèile eadar Kyiv agus Kovel. B' ann ann am Bucha, far an robh taigh aig a theaghlach, a chuireadh an t-ùghdar Mikhail Bulgakov seachad a chuid làithean saora.[1] Ann an 1991, thàinig Bucha gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Dhearbhaich tobraichean san Ucràin gu robh Bucha fo sgàile is fo bhuaidh an 64mh Bragàd Raidhfil Motair a tha na phàirt Roinn Armachd an Ear 35mh Arm na Ruise, le a thaigh-feachd maireannach ann an Khabarovsk, nuair a rinneadh buirbeachd sa bhaile ri linn Ionnsaigh na Ruise air An Ucràin ann an 2022.[2] Sheall ìomhaighean saideil cuirp sìobhaltaich air an lionadh le urchairean, cuid dhiubh air an gheusadh, nan laighe anns na sràidean Bhucha fad seachdainnean, gu ruige a shaoraich Arm Ucràine am baile air 1 an Giblean 2022.[3]

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Drawicz, Andrzej (2001). The Master and the Devil: A Study of Mikhail Bulgakov, ISBN 9780773475007.
  2. Hurriyet
  3. New York Times

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  NODES
Idea 3
idea 3
iOS 2
languages 1
mac 3
os 3