Cáceres
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Cáceres
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 19,868 km²
Àireamh-shluaigh 415,446 (2014)
Dlùths 20.91/km²
Àireamh fòn + (927)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Cáceres (IPA: kaθeɾes, Estremeñu: Caçris). Tha e na laighe ann an Extremadura, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Cáceres a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Cáceres fad 19,868km²[3] agus tha 415,446 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an dàrna roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 34mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Ávila, Badajoz, Ciudad Real, Salamanca, Toledo agus A' Phortagail.[5] 'S e Fala agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à castrum/castris (Gàidhlig: campa) ann an Laideann a tha an t-ainm, o chionn's gu robh camp an airm ann fo na Ròmanaich. 'S e facal a tha co'dhàimheil le caer sa Chuimris agus cathair sa Ghàidhlig. Tha cuid eile a' cumail gur ann à Caesaria (Gàidhlig: Áite a' Cheusair). Thathar dhen bheachd gu robh bailtean air an robh Colonia Norbensis Caesarina agus Castra Caecilia san sgìre. A dh'aindeoin sin, tha teòiridh eile ann a chanas gur e dìreach facal air Choireigin ann an Laideann air arabachadh gu Cazires. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Baitean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  NODES
Idea 4
idea 4
Note 1