Contae Dhoire
Contae Dhoire | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Còigeamh | Còigeamh Uladh |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,074 km² |
Àireamh-shluaigh | 232,174 () |
Dlùths | 111.95/km² |
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Èirinn a Tuath a tha ann an Contae Dhoire[1] (tuiseal ainmneach: Doire).[2] Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 214,800 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,074km²,[3] an 15mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an còigeamh a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aig Contae Dhoire le Tír Eoghain, Aontroim agus Dún na nGall.[4] Bha 232,174 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Sliabh Dónaird (589m) a th' ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]
Chaidh Contae Dhoire a chruthachadh ann an 1613 le Seumas VI is 12 companaidhean lìbhre à Lunnainn.[7]
Chaidh Comhairle Chontae Dhoire a bhristeadh suas ann an 1973 is ùghdarrasan ionadail na bu lugha a chur na àite.[8]
Sgìrean Ionadail
deasaichTha sia baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Dhoire: Cianachta, Cúil Raithin, Líbeartaí Thiar Thuaidh Dhoire, Líbeartaí Thoir Thuaidh Chúil Raithin, Loch Inse Uí Fhloinn agus Tír Mhic Caoirthinn. A bharrachd air sin, tha 46 parraistean[9] (ann an trì sgìreachdan-easpaig: Doire, Ard Mhacha agus An Dúin)[10] agus mòran bhaile fhearainn sa chontae.
Bailtean
deasaichDaoine ainmeil
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Sabhal Mòr Ostaig
- ↑ Logainm
- ↑ Tinet
- ↑ Scoil Cronáin Naofa
- ↑ “Abstract of the census of Ireland for the year 1841”. Online Historical Population Reports, Oilthigh Essex. Air a thogail 8mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ Peakbagger
- ↑ “Our History”. The Honourable the Irish Society. Air a thogail 30mh dhen t-Samhain 2022.
- ↑ ULST
- ↑ Ancestry Ireland
- ↑ Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann
Contae Aontroma • Contae Ard Mhacha • Contae Átha Cliath • Contae an Chabháin • Contae Cheatharlach • Contae Chill Chainnigh • Contae Chill Dara • Contae Chill Mhantáin • Contae an Chláire • Contae Chiarraí • Contae Chorcaí • Contae Dhoire • Contae an Dúin • Contae Dhún nan Gall • Contae Fhear Manach • Contae na Gaillimhe • Contae na hIarmhí • Contae Laoise • Contae Liatroma • Contae Loch Garman • Contae an Longfoirt • Contae Luimnigh • Contae Lú • Contae Mhaigh Eo • Contae na Mí • Contae Mhuineacháin • Contae Phort Láirge • Contae Ros Comáin • Contae Shligigh • Contae Thiobraid Árann • Contae Thír Eoghain • Contae Uíbh Fhailí