Contae na hIarmhí
Contae na hIarmhí | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Còigeamh | Còigeamh Laighean |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,763 km² |
Àireamh-shluaigh | 86,164 () |
Dlùths | 48.87/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae na hIarmhí[1] (tuiseal ainmneach: An Iarmhí,[2] Laideann: Comitatus Midiensis Occidentalis). Tha e suidhichte ann an teis-mheadhan na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 86,164 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,763km²,[3] an 13mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 23mh a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aig Contae na hIarmhí le Longfort, Uíbh Fhailí, Ros Comáin, An Mhí agus Muineachán.[4] Bha 141,300 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e An Mullach Mín (856m) a th' ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Iarmhí a sgaradh bho Chontae na Mí fhèin ann an 1543.
Sgìrean Ionadail
deasaichTha dà bharanachd deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn na Iarmhí: Breámhaine, Cluain Lonáin, Corca Raoi, Dealbhna, Fir Bhile, Fir Thulach, Baile Fhobhair, Cill Chainnigh Thiar, Maigh Asail agus Machaire Ó dTiarnáin, Maigh Chaisil, Uí Mhac gCuais agus Ráth Conarta. A bharrachd air sin, tha 64 parraistean[7] (ann an dà sgìreachd-easpaig: An Mhí agus Ardach-Cluain Mhic Nóis)[8] agus 1,376 bailtean fearainn sa chontae.
Bailtean
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Sabhal Mòr Ostaig
- ↑ “An Iarmhí/Westmeath”. logainm.ie. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ Law, Gwilim: “Counties of Ireland”. Statoids. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ Scoil Cronáin Naofa
- ↑ “Abstract of the census of Ireland for the year 1841”. Online Historical Population Reports, Oilthigh Essex. Air a thogail 8mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ “Ireland County High Points”. Peakbagger.com. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ “Fo-aonaid de chuid: An Iarmhí/Westmeath”. logainm.ie. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ “Map of Dioceses”. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2016.
Contae Aontroma • Contae Ard Mhacha • Contae Átha Cliath • Contae an Chabháin • Contae Cheatharlach • Contae Chill Chainnigh • Contae Chill Dara • Contae Chill Mhantáin • Contae an Chláire • Contae Chiarraí • Contae Chorcaí • Contae Dhoire • Contae an Dúin • Contae Dhún nan Gall • Contae Fhear Manach • Contae na Gaillimhe • Contae na hIarmhí • Contae Laoise • Contae Liatroma • Contae Loch Garman • Contae an Longfoirt • Contae Luimnigh • Contae Lú • Contae Mhaigh Eo • Contae na Mí • Contae Mhuineacháin • Contae Phort Láirge • Contae Ros Comáin • Contae Shligigh • Contae Thiobraid Árann • Contae Thír Eoghain • Contae Uíbh Fhailí