Eugene Wigner
B' e fiosaigiche às an Ungair a bha ann an Eugene Wigner. Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1963 còmhla ri Maria Goeppert-Mayer agus J. Hans D. Jensen airson obrach air an niùclas atamach.[1]
Rugadh e 17 Samhain 1902 ann am Budapest mar Jenő Pál Wigner, no Wigner Jenő Pál mar a chanas iad anns an Ungair. Bha e na sgoilear aig a' ghymnasium agus John von Neumann an sin aig an aon àm. Dh'ionnsaich e aig an Institiud Teicnigeach Bhudapest agus aig Oilthigh Teicnigeach Bherlin einnseanaireachd cheimigeach far an do sgrìobh e a theusais, Bildung und Zerfall der Molekülen ('Cruthachadh agus Sgriosadh nam Moileciuilean') fo Michael Polanyi. An dèidh bliadhna leis a' chompanaidh teaghlaich anns an Ungair thill e gu Berlin far an do dh'obair e aig an Institiud Kaiser Wilhelm. Dh'obair e cuideachd còmhla ri David Hilbert aig Oilthigh Ghöttingen.
Eadar 1930 is 1933 bha Wigner ag obair aig Oilthigh Phrinceton agus ann am Berlin ach dh'fhàg e Berlin nuair a ghabh na Nàsaich greim air smachd anns a' Ghearmailt. Seach trì bhliadhna aig Oilthigh Madison-Wisconsin, agus àm a' chogaidh nuair a bha e an sàs anns a' phròiseact Mhanhattan aig Oilthigh Chicago mhair e aig Princeton gu ruige a bhàs 1 Faoilleach 1995.[2]
Samhlaichean Wigner
deasaichAnn am meacanaigs cuantamach tha na samhlaichean Wigner a' toirt dòigh feumail airson cumhachdan gluasaid ceàrnach a chur ri chèile, mar eisimpleir far am bi aon fòton ag eadar-obair le aon eileagtron. Tha an t-samhla 3-j, airson dà chumhachd a chur ri chèile, nas shimplidhe agus nas cho-chothromaiche na co-èifeachdan Clebsch–Gordan.[3] Tha samhlaichean 6-j agus 9-j ann cuideachd.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Eugene Wigner - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 28mh dhen t-Samhain 2019.
- ↑ O'Connor, John J. ⁊ Edmund F. Robertson (An Cèitean 2001): “Eugene Paul Wigner (1902-1995)”. MacTutor History of Mathematics archive. Oilthigh Chill Rìmhinn. Air a thogail 29mh dhen t-Samhain 2019.
- ↑ Weisstein, Eric: “Wigner 3j-Symbol”. MathWorld--A Wolfram Web Resource. Wolfram Research. Air a thogail 28mh dhen t-Samhain 2019.