Inbhir Moireasdan
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Loch Abar
Sgìre Comhairle na Gàidhealtachd
Co-chomharran 57° 12′ 57.43″ Tuath
4° 37′ 6.83″ Iar
Comharradh-clèithe NH420167
Feartan fiosaigeach

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Inbhir Moireasdan (Beurla: Invermoriston). [1] Tha e suidhichte air an rathad A82 far a bheil an gobhal-rathaid leis an A887. Tha Cille Chuimein mu 6 mìltean 14 (km) san àird a deas. Tha an Abhainn Moireastan a' sruthadh tron bhaile, tha inbhir na h-aibhne ann an Loch Nibheis faisg air. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 12′ 57.43″ Tuath agus 4° 37′ 6.83″ Iar.

Ann an Inbhir Moireasdan tha taigh-òsta ann leis an ainm Glenmoriston Arms a chaidh a thogail anns na 1800an. Roimhe sin bha taigh-seinnse ann far an do stad Samuel Johnson agus James Boswell air an turas aca air a' Ghàidhealtachd ann an 1773. Tha oifis a' phuist ann cuideachd, taigh-bìdh agus cuid bùthan. 'S e sealladh tarraingeach don luchd-turais a tha ann an eas Abhainn Moireastan. Tha seann drochaid thairis air an abhainn a chaidh a thogail ann an 1813 le Thomas Telford airson na bailtean Druim na Drochaid agus Cille Chuimein a cheangal. Ged a tha an drochaid caran briste san latha an-diugh tha i làidir gu leòr fhathast don luchd-coiseachd.

Cruth an ainm

deasaich

Thèid an t-ainm Inbhir Moireasdan a chleachdadh air na soidhnichean rathaid ach a-rèir Ainmean-àite na h-Alba bu chòir "Inbhir Moireastain" a bhith ann, ainm a leanas riaghailtean GOC.[2]

Iomraidhean

deasaich
  1. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-àite", Pàrlamaid na h-Alba, duilleag 66
  2. Invermoriston - Inbhir Moireastain”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2020.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  NODES
Idea 4
idea 4
iOS 2
languages 1
mac 2
os 3