Innis Tìle
'S e eilean agus dùthaich a tha ann an Innis Tìle [1][2][3][4][5] neo Innis Tile[6][7] aig bàrr a' Chuan Siar, agus taobh-a-tuath na Roinn-Eòrpa. 'S e Reykjavik na prìomh-bhaile. A thaobh chultair, cànan agus eachdraidh, 's ann gu Lochlann 's a tha Innis Tìle a' buinntinn. Canar Alþingi ris a' phàrlamaid nàiseanta aig Innis Tìle. 'S e Eaglais Innse Tìle an eaglais as treasa na dùthcha.
Lýðveldið Ísland | |
---|---|
Bratach |
Gearradh-arm |
Laoidh Nàiseanta | |
Lofsöngur | |
Cànan(an) oifigeil | Innis-Tìlis |
Prìomh-bhaile | Reykjavík |
Baile as motha | Reykjavík |
Riaghaltas | Poblachd phàrlamaideach |
Ceann-suidhe | Guðni Th. Jóhannesson |
Prìomh-mhinistear | Katrín Jakobsdóttir |
Ceann-suidhe Alþingi | Sturla Böðvarsson |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd bhon Danmhairg |
1 an Gearran 1904 |
Poblachd | 17 an t-Ògmhios 1944 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 103,000 km² (107mh) |
Uisge | 2.7 % |
Àireamh-shluaigh (2008) | |
Iomlan | 316,252 (172mh) |
Dlùths | 3,1/km² (233mh) |
LTD/CCC (2006) | |
gach pearsa | $40,277 (2005) (5mh) |
Roinn tìde | GMT (UTC+0) |
Ruith-airgid | Icelandic króna |
Prìomh àrainn-lìn | .is |
Còd Àireamh fòn | 354 |
Eachdraidh
deasaich'S ann à Thūlē (Laideann) agus Θούλη Greugais, an t-ainm a chleachdadh o shin airson an tìr a bha gu tuath air an Roinn-Eòrpa a tha an t-ainm Gàidhleach.[8] 'S e an Landnámabók a th'anns an tobar as sìne a th'ann a bheir fiosachadh dhuinn mun dòigh anns an tug na Lochlannaich seilbh air an dùthaich. Anns a' chiad chaibideil dhen Landnámabók tha e sgrìobhte gun duirt Bede, am manach agus seanachaidh, gu robh Innis Tìle sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn:[9]
Í aldarfarsbók þeirri, er Beda prestur heilagur gerði, er getið eylands þess er Thile heitir og á bókum er sagt, að liggi sex dægra sigling í norður frá Bretlandi
(San t-seann leabhar aca, a bheannaich an sagart Bede, far a nochdas an t-eilean is san leabhar tha e ag ràdh gu bheil Innis Tìle na laighe sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn)
Tha fianais ann gur e manaich Gàidhleach à Alba agus Èirinn a bh' anns a' chiad choimhearnachd air an eilean a tha seo. A bharrachd air an Landnámabók, 's e na sàgaichean (Innis Tìlis: saga/sögur) a tha a' toirt dhuinn iomadh fiosrachadh mu ghabhail na tìre agus an seòrsa sòisealachd a bh' ann o shin.
B' ann ann an 999 a ghabh an dùthaich ri Crìosdaidheachd, pròiseas air a bheil Kristnitakan, air neo Togail Chrìosd sa Ghàidhlig.
Tir-eòlas
deasaichTha àrd-thìr ann am meadhan na dùthcha ris an canar Hálendi neo Beanntan Innis Tìle. Fhuair an Eileamaid cheimigeach Tuilium ainm às an dùthaich seo.
Roinnean
deasaich'S ann ann an ochd roinnean a tha Innis Tìle air a sgarradh airson adhbharan staitistigeil, ged a thathar a' riaghladh na dùthcha aig ìre ionadan cathrach (Innis Tìlis: Sveitarfélag). Cithear, mar a leanas, liosta nan roinnean agus an uiread dhaoine a tha a' fuireach ann, a bharrachd air farsaingeachd na tìre:
Roinn | Àireamh-sluaigh | % Nàiseanta | Farsaingeachd |
---|---|---|---|
Austurland | 15,300 | 4,41 % | 22,721 km² |
Höfuðborgarsvæðið | 222,590 | 63,32 % | 1,042 km² |
Norðurland eystra | 29,081 | 9.08% | 22,695 km² |
Norðurland vestra | 7,810 | 2.31% | 12,737 km² |
Suðurland | 23,211 | 7,46 % | 24,256 km² |
Suðurnes | 27,113 | 6,60 % | 829 km² |
Vestfirðir | 7,309 | 2.32% | 9,409 km² |
Vesturland | 15,025 | 4,84% | 9,522 km² |
Bailtean Mòra
deasaichLitreachas
deasaich'S ann làidir 's a tha traidisean sgrìobhaidh ann an Innis Tìle. Bhuannaich Halldór Laxness an Duais Nobel ann an Litreachas anns a' bhliadhna 1955 agus bidh rudeigin mar aon duine thar 10 a sgrìobhas leabhar.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- ↑ Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
- ↑ Charlton T. Lewis; Charles Short (1879). A Latin Dictionary. Oxford: Clarendon Press.
- ↑ Saga Map
- ↑ World Population Review