Kalmar
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Småland
Sgìre Kalmar län
Co-chomharran 56° 39 47′ Tuath
16° 21 47′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 19.50 km²
Àireamh-shluaigh 36,392 (2015)
Dlùths 1,866.26/km²
Àireamh fòn (+46) 0480
Duilleag oifigeil http://www.kalmar.se/

'S e baile meadhanach agus port na Suaine a th' ann an Kalmar (IPA: kalːmar). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha ri taobh na Mara Bhaltaich agus an Kalmarsund, eadar Karlskrona agus Norrköping,[1] anns an sgìre Kalmar län,[2] 313km air falbh bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha, 363km bho Uppsala agus 289km bho Ghöteborg. Tha campas Oilthigh Linnaeus stèidhichte an seo cuideachd.[3] Tha 36,392 duine a' fuireach ann.[4]

Freumhan an ainm

deasaich

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à kalmarnir (Gàidhlig: càrn) ann an Lochlannais a tha an t-ainm.[5]

Eachdraidh

deasaich

Ged a bha daoine a' fuireach san àite seo fiù' s ann an Aois nan Clach, cha b' ann ach sna meadhan aoisean a chaidh baile a thogail an seo, leis gur e port beag ann an àite freagarrach do mhalairt a bh' ann. Bhuineadh Kalmar dhan Lìog Hansa. Chaidh caisteal a thogail san 13mh Linn, leis gu robh am baile faisg air na crìochan leis an Danmhairg - bha Skåne agus Blekinge nan sgìrean Danmhairgeach gu ruige 1658.[6] Chaidh Aonadh Nirribhidh agus an t-Suain a sgrìobhadh an seo ann an 1397, a mhair gu ruige 1523.[7] Bha am baile seo ainmeil air feadh an t-saoghail air sàilleabh gu do thog Volvo taigh-gnìomhachais gu math probhail an seo ann an 1973,[8] far an robh na sgiobaidhean-obrach fhèin a bha an urra ris an cuid obrach a phlanadh. Chaidh am factaraidh a dhùnadh ann an 1993.

Daoine ainmeil

deasaich

Bailtean co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Get a Map
  2. Michelin
  3. Entfernungsrechner
  4. SCB
  5. Runeberg
  6. Bogren, Yngve, 193. Den kyrkliga försvenskningen av skånelandskapen och Bohuslän: studier till den s.k. uniformitetens genomförande 1645- omkring 1750, Stockholm: Svenska kyrkans diakonistyrelses bokförlag. LIBRIS 900125.
  7. Carlsson, Gottfrid, 1945. Medeltidens nordiska unionstanke. Stockholm: Gebers. ISBN 9900079248
  8. New York Times

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  NODES
Idea 3
idea 3
iOS 2
languages 1
mac 2
os 4