Nelson Mandela
B' e neach-poileataigs Afraganach agus a' chiad Cheann-suidhe dubh a bh' aig Afraga a Deas a-riamh a bha ann an Nelson Rolihlahla Mandela (IPA: xoˈliːɬaɬa manˈdeːla, far-ainm san treubh aige: Madiba,Mvezo,[1] 18 an t-Iuchar 1918–Johannesburg[2], 5 an Dùbhlachd 2013)[3] Bha e gu mòr an sàs anns an iomairt an aghaidh sgaradh-cinnidh (apartheid) ann an Afraga a Deas.
Beatha pearsanta
deasaichB' e Rolihlahla Dalibhunga Mandela an làn ainm aige.[4] Ged an do rugadh Mandela ann am Mveso, thogadh e ann an Qunu, o chionn 's gun do chuireadh athair, Gadla Henry Mphakanyiswa, às a dreuchd mar ceann-feadhna. Chaochail athair nuair a bha Mandela naoi bliadhna a dh'aois.[4] Mar iomadach bhuill dhen iomairt an aghaidh Apartheid, 's e isiXosa[5] an cànan a fhuair e bho ghlùn.
Bha e pòsta ri triùir bhoireannach na bheatha. Phòs e a chiad bhean, Evelyn Mase, ann an 1944 agus bha triùir chloinne aca. Dhealaich iad ann an 1957.[6] Phòs e Winnie Madikizela ann an 1958. [7] Dhealaich iad ann an 1992 as dèidh gun deach Winnie fhaighinn ciontach fo chasaidean gun tug i daoine am bruid.[8] Phòs e an treas turas ann an 1998 ri Graca Machel nuair a bha e 80 bliadhna a dh'aois.[9]
Beatha obrach
deasaichChaidh e an lùib an 'ANC' - Còmhdhail Nàiseanta Afraga - ann an 1943 agus chuir e air dòigh an Lìg Òigridh.[6] Fhuair e teisteanas mar fear-lagha anns na 1950an agus bha oifis lagha aige ann an Johannesburg le fear eile, Oliver Tambo.[6]
Anns na 1950an, bha laghannan ùra ann an Afraga a Deas ag ràdh nach b' urrainn do dhaoine dhubha fuireach no obair ach ann an àiteachan a bha air a chomharrachadh dhaibh.[7] Ann an 1956, chaidh casaidean brathaidh a chur às leth Mandela agus 155 luchd-iomairt eile. Ach às dèidh ceithir bliadhna, chaidh na casaidean sin a leigeil às.[7]
Ann an 1960, rinn riaghaltas Afraga a Deas an ANC mì-laghail.[10] An dearbh bliadhna, thachair sgrios ann an Sharpeville nuair a mharbh am poileas 69 daoine.[10] Gu ruige sin, bha an iomairt aig Mandela an aghaidh sgaradh-cinnidh sìtheil. Ach mun àm sin, chuir Mandela roimhe gun chleachdadh e fòirneart an aghaidh eaconamaidh na dùthcha le sabotàis.[10]
Ann an 1964, thugadh binn beatha do Mhandela. Chuireadh gu prìosan Eilean Robben e ri linn riaghaltas Hendrik Verwoerd.[11] A dh'aindeoin a' bheachd a bha cumanta ann am meadhanan an t-saoghail gum b' e ceannairceach a bh' ann am Mandela, chuir a cho-obraiche, Oliver Tambo, iomairt air dhòigh ann an 1980 gus Mandela a shaoradh on phrìosan.[12] B' e iomairt eadar-nàiseanta a bh' ann a rinn Mandela ainmeil air feadh an t-saoghail. Ann an 1981, thug Comhairle Baile Ghlaschu an duais 'Saorsa a' Bhaile' dha, rud a sgaoil an uairsin gu Obar Dheathain, Dùn Dèagh, Greenwich, Islwyn in Gwent, Kingston Upon Hull, Midlothian, Newcastle agus Sheffield.[13]
Tharraing Glaschu aire muinntir Alba dha a-rithist ann an 1986 nuair chaidh an t-ainm 'Nelson Mandela Place' a chuir air St George's Place ann an teis-meadhan a' bhaile. Bha an t-atharrachadh gu sònraichte eirmseach seach gun robh consulate-general Afraga a Deas stèidhichte anns an togalach Stock Exchange air an dearbh sràid.[13]
B' ann anns na 1990an a dh'atharraich cùisean ann an Afraga a Deas. Thog F.W. de Klerk, ceann-suidhe Afraga a Deas, an casg air an ANC ann an 1990.[12] An uair sin, leigeadh le Mandela am prìosan fhàgail air 11 an Gearran 1990.[12] Rèitich Mandela agus F. W. de Klerk na còrdaidhean a chruthaich stàit ùr gun gràin-chinnidh ann an Afraga a Deas is bhuannaich an dithis aca an Duais Nobel airson Sìth ann an 1993.[14] An ath bhliadhna, bhuannaich Mandela an taghadh airson ceann-suidhe na dùthcha anns a' chiad taghadh far an robh còir bhòtaidh aig a h-uile duine ann an Afraga a Deas.[15]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Nelson Mandela Centre of Memory: Biography
- ↑ El País
- ↑ The Nobel Peace Prize 1993
- ↑ 4.0 4.1 O' Henley, d.5.
- ↑ BBC
- ↑ 6.0 6.1 6.2 O' Henley, d.6.
- ↑ 7.0 7.1 7.2 O' Henley, d.8.
- ↑ O' Henley, d.15.
- ↑ O' Henley, d.18-9.
- ↑ 10.0 10.1 10.2 O' Henley, d.10.
- ↑ O' Henley, d.11.
- ↑ 12.0 12.1 12.2 O' Henley, d.14.
- ↑ 13.0 13.1 "BBC Scotland news website: Why did Nelson Mandela thank Glasgow? By Steven Brocklehurst". Retrieved 2013-12-06.
- ↑ Nobel
- ↑ O' Henley, d.16.
- O' Henley, Ailig. (2004) Beatha le Buaidh: Nelson Mandela Inbhir Nis: Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig ISBN: 1-904730-08-6
P. W. Botha • F. W. de Klerk • Nelson Mandela • Thabo Mbeki • Kgalema Motlanthe • Jacob Zuma • Cyril Ramaphosa