Oilthigh Mhàrtainn-Lùtair Halle-Wittenberg
Stèidhichte 1502 (Wittenberg) agus
1694 (Halle)
Suidheachadh Wittenberg (Sagsainn-Anhalt), Halle (Sagsainn-Anhalt), a' Ghearmailt
Oileanaich ~20.000
Làrach-lìn http://www.uni-halle.de/

Is e oilthigh aosmhor Gearmailteach a tha ann an Oilthigh Mhàrtainn Lùtair Halle-Wittenberg (Martin-Luther-Universität Halle-Wittenberg sa’ Ghearmailtis, Martin-Luther-University of Halle-Wittenberg sa’ Bheurla). Tha e na laighe ann an Wittenberg agus ann an Halle (Saale) ann an Sagsainn-Anhalt anns a' Ghearmailt. B’ àbhaist a bhith dà oilthigh ann a chaidh an cuir ri chèile ann an 1817.

Eachdraidh

deasaich

'S e am pàirt den Oilthigh Wittenberg ris an canar “Leucorea” am fear as sine. Chaidh a stèidheachadh ann an 1502 le cuideachadh bho rìgh Frederic III. Bha e ceangailte ris a’ mhanachainn Augustineum. Thòisich iad air eòlas-lagha, eòlas-diadhachd agus eòlas-leighis a theagasg. Bho 1508 bha Màrtainn Lùtair ag obair an seo. Bha Philipp Melanchthon na àrd-ollamh airson cànan Greugais. Anns an 16mh linn bha an t-Oilthigh Wittenberg cliùiteach airson rannsachaidh chreideimh.

 
Togalach Oilthigh Halle ann an 1836

Ach nuair a ràinig Napoleon Sagsainn ann an 1813, dhùin e an t-oilthigh. An uair sin dh’ imrich Oilthigh Wittenberg gu Halle.

Ach bha Oilthigh Halle an-seo mar thà, fear a chaidh a stèidheachadh ann an 1694. Ann an 1817 chaidh an dà oilthigh a chuir ri chèile mar Vereinigte Friedrichs-Universität Halle-Wittenberg. Is e sin as adhbhar gu bheil dà dealbh aig an oilthigh. Dh’atharraich an t-ainm a-rithist gu Martin-Luther-Universität Halle-Wittenberg ann an 1933.

 
An talla "Audimax" an-diugh

An-diugh tha ionad airson eachdraidh an Ath-leasachaidh ann, ionad airson Cànan agus Dualchas na Gearmailt, agus ionad airson rannsachadh mu na Stàitean Aonaichte.

Daoine cudromach

deasaich

Daoine cudromach ann an Oilthigh Wittenberg:

Àrd-ollaimh cudromach ann an Oilthigh Halle-Wittenberg:

Oileanaich cudromach ann an Oilthigh Halle-Wittenberg:

Ceanglaichean a-muigh

deasaich
  NODES
Idea 3
idea 3