B' e Rìgh na h-Alba a bha ann an Raibeart Brus (11 an t-Iuchar 12747 an t-Ògmhios 1329). Is dòcha thàinig an t-ainm Brus bho de Bruce, a’ ciallachadh a bhaile ​​ris an canar a-nis Bruges anns a' Bheilg. [1] A rèir sgoilear eile thàinig an t-ainm Brus bho Breizh a tha a' ciallachadh "a' Bhreatainn Bheag" anns a' Bhreatannais.[2]

Raibeart I na h-Alba
Iarla Charraig

9 dhen t-Samhain 1292 - 1314 - Éideard Brus
monarc na h-Alba

25 dhen Mhàrt 1306 - 7 dhen Ògmhios 1329
Iain na h-Alba - Daibhidh II, Rìgh Alba
Beatha
Breith Turnberry Castle (en) Translate, 11 dhen Iuchar 1274
Dùthaich  Rìoghachd na h-Alba
Bàs Càrdainn Ros, 7 dhen Ògmhios 1329
Àite-adhlacaidh Abaid Dhùn Phàrlain
Abaid Mhaolrois
Nàdar a’ bhàis  (an luibhre)
Teaghlach
Athair Raibeart Brus, 6mh Tighearna Shrath Anann
Màthair Marjorie, Countess of Carrick
Cèile Iseabail Mhàrr  (1295 (Gregorian) -
Elizabeth de Burgh (en) Translate  (1302 (Gregorian), 1302 (Gregorian) -
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Clann Bhruis
Foghlam
Cànain A' Bheurla Ghallta
Gàidhlig
Angla-Nòrmannais
Dreuchd
Dreuchd neach-cogaidh agus monarc
Seirbheis san arm
Strì Cogaidhean Neo-eisimeileachd na h-Alba
Creideamh
Creideamh Caitligeachd

Teaghlach

deasaich

Mac le Raibeart Brus agus Marsaili, baintighearna Carraig, thàinig am Brusach òg gu bhith na Iarla Carraig anns an 9 an t-Sultain 1291. ‘S e ban-uasal Gàidhealach a bha na mhàthair agus fear dhe na Frangach a bha na athair. Bha am Brus òg fileanta ann an iomadach cànan: fhuair e Gàidhlig bho a mhàthair, Frangais bho athair, agus b' urrainn dha Beurla agus Laideann a bhruidhinn cuideachd.

Cogadh ris na Sasannaich

deasaich

Ghabh am Brusach pàirt anns an ar-a-mach an aghaidh ceannas nan Sasannach sa bhliadhna 1297, ach bha e am measg nan uaislean a strìochd do dh'Eideard I ann an Irbhinn. And dèidh do dh'Uilleam Uallas Blàr na h-Eaglaise Brice a chall ri arm Eideird I ann an 1298, sheas am Brusach agus John Comyn (bho 1299 cuide ri William Lamberton, Easbaig Cill Rìmhinn) mar fhir-dìona na h-Alba. Cha robh an dithis mòr aig a chèile, ge-tà, oir bha Comyn a' toirt taic do John Balliol a fhuair crùn rìoghail na h-Alba ann an 1292, nuair a bha seanair Raibeirt na fharpaiseach a bu chudromaiche eile, agus leig am Brusach dheth a dhreuchd ann an 1300.

Brus na Rìgh

deasaich

Bha ceangal air Brus agus Comyn ge-tà, oir bha iad an dà chuid airson Alba neo-eisimeileach fhaighinn a-rithist. Ach nuair a choinnich iad anns an eaglais Dhùn Phris ann am 1306, tha e coltach gun do dh'èirich connspaid eadar an dithis agus chaidh Comyn a mhuirt leis a' Bhrusach. Thug Robert Wishart, easbaig Ghlaschu, easbaloid dha (ged a rinn a' phàpa ascaoin-eaglais air Brus na b' fhadalaiche), agus an dèidh dhaibh cabhag a dhèanamh gu Sgàin chaidh am Brusach a chrùnadh san 25 am Màrt 1306.

Chaidh e a chogadh ris na Sasannaich ach chaill e aig Blàr Meithinnidh ri arm fo stiùir Aymer de Valence, Iarla Pembroke. An dèidh sin bha aige ri teicheadh ri eilean Rathlin ach, anns an Fhaoilleach 1307, thill e gu Siorrachd Inbhir Àir agus thòisich e ris na Sasannaich a shabaid.

Alba saor a-rithist

deasaich
 
Raibeart Brus, mar a bha luchd an 19mh linn ga fhaicinn
 
Blàr Allt a'Bhonnaich

Chaidh Èideard I le arm a dh'Alba ach chaochail e faisg air Cathair Luail san 11 an t-Iuchar 1307. Cha robh a mhac, Eideard II, idir cho làidir ri athair agus gu slaodach ath-bhuidhinn am Brusach, a' chuid a bu mhotha na dùthcha. An toiseach rinn e a' chùis air fir-thaic Comyn (gu h-àraidh ann am Bàideanach), agus an dèidh sin bha e a' cleachdadh ceatharnach-cogaidh airson sin a dhèanamh, a' dèanamh sgrios air na caistealan a ghabh e. B' e na fir-chuidich a bu chudromaiche aige Eideard Brus, a bhràthair, Seumas Dùghlas agus Thomas Randolph.

‘S e am blàr a bu chudromaiche Blàr Allt a' Bhonnaich far an do rinn Raibeart agus na h-Albannaich sgrios mòr air arm Sasannach a bha fada na bu mhotha san 24 an t-Iuchar 1314. On a bha trioblaidean le Èideard II leis na uaislean aige a' chumail, b' urrainn do Raibeart an rìoghachd aige a neartachadh, agus mu dheireadh leig Èideard III, rìgh Shasainn bho 1327, seachad tagradh sam bith air rìoghachd Alba ann an 1328 leis a' Chùmhnant Northampton.

Aistean co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Maurits Gysseling, Toponymisch woordenboek van België, Nederland, Luxemburg, Noord-Frankrijk en West-Duitsland (vóór 1226), Brussel 1960, td. 195
  2. Walter, Henriette (2013): L'aventure des langues en Occident: Leur origine, leur histoire, leur géographie. Robert Laffont. 

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  NODES
Idea 16
idea 16