Salamaca
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Castilla y León
Sgìre Salamanca
Co-chomharran 40° 58′ 00 Tuath
05° 40′ 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 38.6 km²
Àireamh-shluaigh 154,462 (2010)
Dlùths 4,001.61/km²
Àireamh fòn 034 923
Duilleag oifigeil http://www.salamanca.es

'S e baile mòr eachdraidheil air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann an Salamanca (IPA: salaˈmaŋka, Fraingis: Salamanque, Laideann: Salamantica). Tha e suidhichte aig 795m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-Aibhne Tormes, anns an Sgìre (Spàinntis: Provincia) Salamanca fhèin, anns a’ Choimearsnachd le Fèin-riaghladh (Spàinntis: Comunidad Autónoma) Castilla y León, faisg air na crìochan leis A' Phortagail, 171km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha, 655km bho Bharcelona agus 400km bho Shevilla.[2] Tha 154,462 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[3] an 44mh baile na dùthcha.[4] Chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an Salamanca ann an 1218, am fear as aosmhoire na Spàinne. Chaochail an Ceimigear Wendell Meredith Stanley an seo ann an 1971.

Freumhan an ainm

deasaich

'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. B' e Helmantike (Gàidhlig: Tìr na Geaslanachd) a chanadh na Greugaich ris, agus sgrìobh Ptolomaidh gu robh dùn Ceilteach an seo air an robh Salmatica/Salmantica.[5] Sgrìobhadh Livius Hermandica e. Tha teòiridh caran ùr ann, a tha a' dearbhadh gur e ath a th' anns an eileamaid sala- (mar Salas de los Infantes ann am Burgos no Salas de Pallars ann an Lleida),[6] ged nach eil mòran dhaoine a' gabhail ri sin fhathast. Tha cruth na tìre a' gabhail ris an teòiridh ùr.

Eachdraidh

deasaich

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach tòisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8]

Daoine Ainmeil

deasaich

Ann an Leabhraichean

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. Cunntas Sluaigh na Spàinne
  4. Bailtean na Cruinne[dead link]
  5. Moyas Díez T., Salamanca: guías de turismo de Castilla y León, Ediciones Grepheus, 2007, ISBN 84-87473-34-2
  6. Tertulia Arqueológica
  7. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  8. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
  9. Stad Brugge
  10. Cidade de Coimbra
  11. Ayuntamiento de Gijón
  12. Ayuntamiento de Las Palmas
  13. Ville de Nîmes
  14. Stadt Würzburg

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  NODES
Idea 4
idea 4
iOS 2
languages 1
mac 3
Note 1
os 7