'S e cleasaiche às na Stàitean Aonaichte a tha ann an Sylvester Gardenzio Stallone (Eabhraig Nuadh, 6 an t-Iuchar 1946).[1]

Sylvester Stallone
Beatha
Ainm slàn Sylvester Gardenzio Stallone
Breith Hell's Kitchen (en) Translate, 6 dhen Iuchar 1946
Dùthaich  Na Stàitean Aonaichte
Àite-fuirich Beverley Hills
Teaghlach
Athair Frank Stallone
Màthair Jackie Stallone
Cèile Sasha Czack (en) Translate  (1974 -  1985)
Brigitte Nielsen (mul) Translate  (15 dhen Dùbhlachd 1985 -  13 dhen Iuchar 1987)
Jennifer Flavin (en) Translate  (17 dhen Chèitean 1997 -
Càraid Angie Everhart (mul) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Miami
Abraham Lincoln High School (en) Translate
Charlotte Hall Military Academy (en) Translate
Montgomery Blair High School (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd actair film, stiùiriche fhilmichean, sgrìn-sgrìobhaiche, riochdaire fhilmichean, sgrìobhadair, actair charactaran agus actair telebhisein
Àirde 1.77 meatair
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Writers Guild of America, West (en) Translate
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Poblachdach
IMDb nm0000230
sylvesterstallone.com

Ged an do rugadh e ann an Eabhraig Nuadh, anns na Stàitean Aonaichte, thogadh e ann am Philadelphia. Dh'imrich an t-athair aige, Frank Stallone, Sr., às an Eadailt nuair a bha e òg. Tha a bhràthair, Frank Stallone, na actair is na sheinneadair.

Chaidh aodann Sylvester Stallone a ghoirteachadh aig breith aige, mar sin tha pàirt den bhile, den teanga is den smigead air clì an aodainn aige air an neartachadh. Nuair a bha e na bhalach òg, bha trioblaidean mòra aige air sgàth 's sin. Anns na sgoiltean bha a' chlann a' tarraing as. Ach mar actair 's e seòrsa "trademark" a tha ann an cruth aodann Stallone a-nis, gu h-àraid ma bhios e a' cluich dòrnair.

Bha e na oileanach anns an Theater Arts Department aig Oilthigh Mhiami airson trì bliadhna ach cha do chrìochnaich e sin air sgàth 's gun robh e ag iarraidh feuchainn a bhith na actair. Thòisich e aig aois 25 anns an fhilm The Party at Kitty and Stud's (1970), film a dh'fhàs ainmeil bliadhnaichean as dèidh sin fon ainm Italian Stallion.

Dh'fhàs Stallone ainmeil air feadh an t-saoghail leis an fhilm Rocky (1976). san 24mh den Mhàirt 1975 chunnaic e an co-fharpais dòrnaireachd eadar Muhammad Ali is Chuck Wepner. Thug sin buaidh mhòr air, agus aig ceann trì làithean sgrìobh e an sgriobt airson Rocky. Reic e an sgeulachd seo fo chùmhnant gum biodh e fhèin a' cluich Rocky Balboa. Bha am film gu math soirbheachail, bhuannaich e trì duaisean Academy Awards.

Sylvester Stallone 1977

Filmichean

deasaich
  • 1970: The Party at Kitty and Stud's
  • 1970: Lovers and Other Strangers
  • 1970: No Place to Hide
  • 1970: Blood Line
  • 1971: Bananas
  • 1971: Klute
  • 1974: The Lord's of Flatbush
  • 1975: The Prisoner of Second Avenue
  • 1975: Capone
  • 1975: Death Race 2000
  • 1975: Farewell, My Lovely
  • 1976: Cannonball
  • 1976: Rocky
  • 1978: F.I.S.T.
  • 1978: Paradise Alley
  • 1979: Rocky II
  • 1981: Nighthawks
  • 1981: Victory
  • 1982: Rocky III
  • 1982: Rambo (First Blood)
  • 1983: Staying Alive
  • 1984: Rhinestone
  • 1985: Rambo II
  • 1985: Rocky IV
  • 1986: Cobra
  • 1987: Over the Top
  • 1988: Rambo III
  • 1989: Lock Up
  • 1989: Tango & Cash
  • 1990-2010: Entertainment Tonight (streath Tbh)
  • 1990: Rocky V
  • 1990-2010: Live with Regis (sreath Tbh)
  • 1991: Oscar
  • 1992: Stop! Or My Mom Will Shoot
  • 1993: Cliffhanger
  • 1993: Demolition Man
  • 1993-2010: The Tonight Show with Jay Leno (sreath Tbh)
  • 1994: The Specialist
  • 1995: Judge Dredd
  • 1995: Assassins
  • 1996: Daylight
  • 1997: The Good Life
  • 1997: Cop Land
  • 1998: Burn Hollywood Burn
  • 2000: Get Carter
  • 2001: Driven
  • 2002: D-Tox
  • 2002: Avenging Angelo
  • 2003: Taxi 3
  • 2003: Shade
  • 2005: Las Vegas (sreath Tbh)
  • 2006: Rocky Balboa
  • 2007: Inferno: The Making of Rocky Balboa
  • 2008: Rambo
  • 2009: Inferno: The Making of John Rambo
  • 2009: Amerika Idol
  • 2010: The Expendables
  • 2012: The Expendables 2
  • 2013: Bullet to the Head
  • 2013: The Tomb

Iomraidhean

deasaich
  1. IMDB
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  NODES
Idea 6
idea 6