Tha tì uaine na gnè de theatha a th' air a dèanamh air duilleagan Carmellia sinensis air nach deach ocsaideachadh tuilleadh 's a chòir. Buinidh tì uaine do Shìona far a thathas ga h-òl bho chian nan cian, ach an-diugh, buinidh i do Àisia gu lèir.

Tì uaine le duilleagan


Preas na Tì

deasaich

Tha am preas seo gach àm uaine. Tha e a' giùlan fras mu mheudachd spiligein peasrach, bho bheil am preas a' fàs. Is ann air an deisear as fheàrr a chinneas iad.

Is ainmig a tha am preas seo, a tha cosmhail ri seòrsa ròide, a' cinntinn nas àirde na dris nan ròs, no mar as motha, sia no seachd troighean air àirde.

Is minig a shuidhichear e na shreathan, mu thuaiream trì no ceithir de throighean bho chèile. Tha an duilleach as motha mu dhà òirleach air fad, agus a h-aon air leud; tha iad a' fàs caol nam barr, mar dhuilleach dris nan ròs.

Tionail na tì

deasaich

A' Chiad Tional

Tha a’ chiad chuid gan tional sa Mhàrt, nuair nach eil ach beagan duillich air fàs air a’ phreas, agus gun ach latha no dhà a dh' aois. Anns an àm seo, chan eil iad ach beag, uaine, agus maoth ach thathar a’ meas gur e seo gnè as fheàrr, agus le an ro fheabhas, bha iad aig aon àm air an gleidheadh fa chomhair rìghrean agus dhaoine mòra; agus airson sin, theirear Teatha rìoghail rithe ann an Sìona.

Ann an Iapan, tha iad air an trusadh leis an fhaicill as motha, agus cha bheir iad oirre nan làmhan gun làmhan grinne bhi umpa. Nuair a chruinnichear an Tì thaghta seo, cuirear fo fhreiceadan làidir i chum an Ìompaire, agus thèid an duilleach as fheàrr a gleidheadh fa chomhair teaghlach an Ìompaire.

Tha iad a' meas gur ann a tha an dath uaine aig an t-seòrsa Tì seo ag èirigh bhon àm sam buainear an duilleach, cosmhail ri meas an-abaich, a tha mar as trice uaine agus geur sa bhlas.

An Dara Tional

deasaich

Tha an dara tional air a dhèanamh mu dheireadh a’ Mhàirt: tha na duilleagan san àm seo mòr, gun a bheag de am fàileadh cùbhraidh a chall; ach tha mùthadh eadar an abaichead, cuid air teachd chum an làn chinneis, agus cuid nach eil. Ach tha iad air an tional feadh a chèile, 's a-rithist air an sònrachadh a rèir am buaidhean fa leth; agus na duilleagan as fheàrr air an reic fo ainm an t-seòrsa rioghail ann Sìona.

An Treas Tional

deasaich

Tha an treas tional a' tachairt ann am Mìos meadhanach an t-Samhraidh, nuair a tha na duilleagan air teachd chun an làn mheudachd. 'S e seo an cruinneachadh as tomadaich, ach chan eil an Tì cho math. An dèidh dhaibh na duilleagan a chruinneachadh, tha iad air an toirt do na taighean caoineachaidh, chum an ullachadh fa chomhair feum.

Anns an t-seann aimsir ann an Sìona, chaidh na taighean sin a thogail air chosgais na rìoghachd, agus dh'fhaodadh gach neach, aig nach robh cothrom air a dhèanamh aig a thaigh fhèin, a chuid Tì a thoirt do aon de na taighean-caoineachaidh, agus a tiormachadh ann; 's nuair a bha i gu tioram, làn uidheamaichte, bha iad an sin gan cur ann an cisteachan lìnigte le luaidhe thana, agus gan cur air falbh don Roinn-Eòrpa.

Eachdraidh na Tì

deasaich

'S ann anns a' bhliadhna 1610 a thàinig a' chiad Tì don Roinn-Eòrpa, agus 's iad na Duitsich a thug ann i. Anns a’ bhliadhna 1666 chosg aon phunnd dhi ann an Lunnainn trì puinnd Shasannach, agus mhair i aig an luach sin gu 1707.

Thachair don Tì mar thachair do an tombaca, a' leigeadh ris a’ bhuaidh a th' aig cleachdadh air a chinne-dhaonna. Mu thuaiream trì cheud bliadhna ron àm seo, cha robh aon chuid diubh aig muinntir na h-Eòrpa; ach an-diugh is tearc duine leis nach annsachd an Tì.

Tì uaine a' fàs aithnichte an ceann an iar an t-saoghail

deasaich

Tha muinntir na Roinn-Eòrpa agus Aimearaga ag òl tì dhubh ann am bitheantas, ach uidh air n-uidh, tha tì uaine a' fàs nas measail anns na dùthchannan an iar, ged nach do ghabh i làmh an uachdar air an teatha dhubh fhathast. Gidheadh, canar gur i deoch a tha gu math ùr do dhùthchannan an iar ann an tomhas eachdraidh. Mar eisimpleir, tha an rann seo a leanas bho òran de cheithir rannan, ag innse mar a fhuair fear duilleagan tì uaine bho cheannaiche airson a' chiad uair riamh. Chaidh a sgrìobhadh le Dòmhnall MacGilleaghlais air 8mh Samhain, 1882.

An Tì Uaine aig Dòmhnall MacGilleaghlais

Fhuair mi na duilleagan uaine
A chuir sibh a-nuas do m' ionnsaidh.
'S iad fhèin na duilleagan luachmhor
Is ainmeil buadhan an sùghaidh
Cuiridh e cailleachan gu boilich,
'S nigheanan òga gu sùgradh;
Cuiridh e bodaich gu seanchas
'S iad a' deàlradh sa ghnùis leis.

Iomraidhean

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  NODES
Idea 4
idea 4