'S e bàrd Gàidhlig agus neach-ciùil ainmeil a bha ann an Uilleam Ros (1762-1790).

Uilleam Ros
Beatha
Breith An t-Àth Leathann, 1762
Dùthaich  Alba
Bàs 1791
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd bàrd, sgrìobhadair, seinneadair, neach-ciùil agus neach-teagaisg
Gnè ealain bàrdachd
Inneal-ciùil guth

Sgeul-beatha

deasaich
 
Geàrrloch - am baile far an deach Uilleam Ros a thìodhlacadh

Rugadh e anns an t-Sìthean anns an Eilean Sgitheanach ann an 1762. Bha athair Uilleim na Sgitheanach agus bha e ag obair mar ceannaiche-siubhail. Bha a màthair às an Sgìre Gheàrrloich. Chaidh Uilleam dhan sgoil ann am Farrais. Thòisich e air bàrdachd a sgrìobhadh nuair a bha e anns an sgoil fhathast. An-dèidh an sgoil fhàgail thill an teaghlach air ais gu Geàrrloch. An uair sin chaidh Uilleam còmhla ris an athair air cuairtean do na h-eileanan agus air feadh na dùthcha. Mar sin chuala e na blasan eadar-dhealaichte agus fhuair e deagh eòlas orra. Air ais ann an Geàrrloch thòisich e ag obair mar mhaighstir-sgoile gus an do fhàs an slàinte aige nas bu miosa. A-rèir beul-aithris bha gaol aige air Mòr Ros à Steòrnabhagh. Ach phòs i fear eile. Greiseag roimhe sin sgrìobh e dàn: 'Feasgair Luain', 's dòcha gur e sin am fear as ainmeile aige. Ann an 1790 chaochail e leis a' chaitheamh, bha e 28 bliadhna a dh'aois.

Uilleam Ros anns a' bhàrdachd

deasaich

Tha Uilleam Ros, còmhla ri William Butler Yeats neo Bertran de Born, a' nochdadh gu tric anns an Dàin do Eimhir agus Dàin Eile le Somhairle MacGill-Eain.

Anns an ciad leabhar aige, An Dealbh Briste (1951), dh'fhoillsich Ruaraidh MacThòmais dàn 'Uiagh Uilleim Rois'.

Iomraidhean

deasaich
  • Black, R. (deas.) 2001. An Lasair: An Anthology of Eighteenth-century Gaelic Verse (Edinburgh: Birlinn)

Tuilleadh leughaidh

deasaich
  • Dòmhnallach, Tormod. 'Uilleam Ros: A Bheatha is a Bhàrdachd (1)' ann an Gairm Àir. 57, An Geamhradh 1966, d.19-26.
  • Gaelic poetry in the eighteenth century; Derick S. Thomson, Obar Dheathain, Association for Scottish Literary Studies, 1993. ISBN 0948877197
  • The Poetry of Scotland - Gaelic, Scots and English; Roderick Watson, Dùn Eideann, 1995. ISBN 0748606076

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  NODES