Ulbha
Fluraichean faisg air Ardalum, ann an Ulbha.
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Innis-mhuir Muile
Co-chomharran 56° 29′ 7″ T
6° 12′ 57″ I
Comharradh-clèithe NM405405
Feartan fiosaigeach

'S e eilean ri taobh Muile a tha ann an Ulbha[1] (Beurla: Ulva). Tha e ann an Earra-Ghàidheal.

Lochan air an eilean.

Eachdraidh

deasaich

Tha eachdraidh fhada aice agus tuineachadh air an eilean a' dol cho fada air ais ri Linn Mheadhanach na Cloiche. Tha seann làrach, Uamh 'icDhuinshleibhe ann far a bheil fuigheall o shitig shligean a' buntainn ri Linn Mheadhanach na Cloiche agus is mathaid na bu shine.

Bha Ulbha air a bhualadh gu cruaidh leis na Fuadaichean, agus an t-uachdar fhèin, fear Clarke, a' gabhail a' ghnothaich fhèin os làimh. B' e Fuadaichean Ulbha aon de na fuadaichean a bu mhiosa a thachair. A rèir cunntas-sluaigh 2011, chan eil ach 11 duine a' fuireach anns an eilean, ged a bha 16 duine a' fuireach ann an Ulbha anns a' bhliadhna 2001.[2]

An dèidh Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn, cheannaich an coimhearsnachd an eilean tron Chompanaidh Coille Coimhearsnachd Taobh Iar-Thuath Mhuile on teaghlach Howard ann an 2018.[3]

Cruth na tìre

deasaich

Tha Beinn Chreagach a' bheinn as àirde air an eilean. Tha e 313m (1027 troigh) de dh'àirde[4] agus tha e suidhichte ann am meadhan an eilein.

Daoine a rugadh ann an Ulbha

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich

(sa' Ghàidhlig)

deasaich

(sa' Bheurla)

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Ulva/Ulbha”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 31mh dhen Fhaoilleach 2018.
  2. National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015
  3. Eilean Ulbha air a cheannachadh dhan choimhearsanchd”, Naidheachdan a' BhBC. 11mh dhen Chèitean 2018. Air a thogail 31mh dhen Fhaoilleach 2019. 
  4. Hill Bagging (Beurla)
  NODES
Idea 2
idea 2