Zamora
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Zamora
Sgìre Castilla y León
Co-chomharran 41° 30' 56' Tuath
05° 44' 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 149.28 km²
Àireamh-shluaigh 66,293 (2009)
Dlùths 444.08/km²
Àireamh fòn + 34 980
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

’S e baile mòr faisg air Valladolid ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Zamora (IPA: θaˈmoɾa). Tha e suidhichte aig 652m os cionn ìre na mara,[1] 210km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 660km bho Bharcelona.[2] Tha 66,293 daoine a’ fuireach ann an Zamora.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Zamora a th’ann cuideachd.

Freumhan an ainm

deasaich

'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. Tha cuid dhen bheachd gur ann à Οκελοδούρον (Okelodùron), a bha fo bhuaidh nan Vettoni, treubh Cheilteach às a' bhaile seo, mar a sgrìobh Strabo. Bha Dia Ceilteach ann air an robh Octo.[4] A dh' aindeoin sin, tha cuid eile a' cantainn gur mathaid gur ann à Ocelus (Gàidhlig: Cnoc) agus Durum (Gàidhlig: Dùn), eileamaidean a tha gu math cumanta ann an Ceiltis air feadh na Spàinne. B' e Oceloduri (Sùilean an Duro) a bha air fo na Ròmanaich.[5] Nochd am foirm Semure fo na Godaich, a chaidh arabachadh gu سمورة (Samura). Tha teòiridh eile ann, a chanas gur ann às a' ghnìomhair Samar ann an Eabhra,[6] ged nach eil mòran dhaoine a' gabhail ri sin.

Eachdraidh

deasaich

B' e na Ceiltich o shean a stèidhich am baile. Bha baile ann nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach, ged nach do deach an t-ainm a chlàrach ach ann an 569. Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8]

Cruinn-eòlas

deasaich

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Zamora.[9] Cha tuit ach 476mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 794mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.

 

Iomraidhean

deasaich
  1. Aemet
  2. Distance Calculator
  3. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  4. Schulten A., (1937), "Octodurum", RE. XVI1, nº2 col, 1868
  5. Álvarez Martínez U., Historia General Civil y Eclesiástica de la Provincia de Zamora, Madrid, Editorial Revista de Derecho Privado.
  6. Instituto Cervantes
  7. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  8. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
  9. Aemet

Ceanglaichean A-mach

deasaich
  NODES
Idea 5
idea 5
iOS 2
languages 1
mac 2
Note 1
os 5